Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1132
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1132. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 31 Mar 2021
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 828
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1132
Duration: 05:00
Litir 1132: An Seanailear Wade (1)
Bidh mòran agaibh eòlach air na rathaidean a thog an Seanailear Wade air a’ Ghà idhealtachd. ʼS ann tric a bha mi fhìn a’ coiseachd air pìosan dhiubh nach deach a leasachadh mar rathaidean do charbadan. Ach an robh Wade na churaidh no na thrustar? Fà gaidh mi sin agaibh fhèin!
ʼS iongantach mura cuala sibh an rann beag:
If you’d seen this road before it was made,
You’d lift up your hands and bless General Wade.
Uill, ʼs dòcha! Ach, ge brìth dè ur beachd air Wade, dh’atharraich e a’ Ghà idhealtachd, le bhith a’ togail rathaidean airm far nach robh dad dhen t-seòrsa ann roimhe. Ach cò bh’ ann an Seòras Wade? Tha mi airson rud beag innse dhuibh mu dheidhinn.
Bhuineadh e do shliochd nan Sasannach ann an Èirinn. Rugadh e ann an Contae na h-Iarmhà ann am meadhan na h-Èireann. Nuair a bha e mu sheachd bliadhn’ deug a dh’aois, fhuair e coimisean ann an Rèisimeid Iarla Bhath ann an Arm Shasainn. Anns an deichead mu dheireadh dhen t-seachdamh linn deug, ghabh e pà irt ann an Cogadh nan Naoi Bliadhna. An uair sin, bha e an sàs ann an Cogadh Co-arbas na Spà innte.
Dh’èirich e tro na rangan, agus chùm e a dol mar shaighdear an dèidh an aonaidh eadar Sasainn agus Alba. Ghabh e dreuchd mar Mhà idsear-Seanailear agus, ann an seachd ceud deug ʼs ceithir-deug (1714) fhuair e à rdachadh gu commandair an airm Bhreatannaich ann an Èirinn.
Cha b’ fhada gus an robh e air ais ann am Breatainn oir dh’èirich na Seumasaich an aghaidh an riaghaltais ann an seachd ceud deug ʼs còig-deug (1715). Cha robh Wade air a chur a dh’Alba, ge-tà . Bha e ag obair an aghaidh nan Seumasach ann an Sasainn. Goirid an dèidh sin, chaidh e an sàs ann am poilitigs mar bhall-pà rlamaid.
ʼS ann ann an seachd ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1724) a chaidh Seòras a chur a dh’Alba airson an dùthaich a mheas. Bha an riaghaltas ann an Lunnainn a’ gabhail dragh mu na Seumasaich air a’ Ghà idhealtachd agus mar a bha e duilich smachd a chumail orra. Mhol Wade prògram togail a chur air chois – airson gearastanan, drochaidean agus rathaidean a dhèanamh. Fhuair e dreuchd ùr – Àrd-chomanndair de dh’Fheachdan an Rìgh, Chaistealan, Dhùn agus Ghearastanan ann an Ceann a Tuath Bhreatainn.
Thairis air dusan bliadhna, thog Wade dà cheud is ceathrad mìle de rathaidean agus trithead drochaid. Bha cuid de na drochaidean air an togail leis an aon phlana. Bhiodh iad air an togail le fiodh an toiseach. Nuair a bhiodh an drochaid deiseil agus a’ chlach mu dheireadh na h-à ite, bhiodh am fiodh air a thoirt air falbh airson na h-ath-dhrochaid.
Bha an drochaid mhòr thar Uisge Tatha ann an Obar Pheallaidh eadar-dhealaichte, ge-tà . Bha i air a dealbhachadh gu sònraichte le Uilleam Adam. Chaidh a fosgladh gu trafaig ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a còig (1735). Bha i mar charragh-cuimhne do dh’obair Wade air a’ Ghà idhealtachd agus chosg i fortan – ceithir mìle not. Rinn an luchd-dealbhachaidh agus luchd-einnseanairidh obair mhath. Tha drochaid Obar Pheallaidh beagan goirid air trì cheud bliadhna a dh’aois agus tha i a’ gabhail charbadan de gach seòrsa fhathast. Ach cha robh obair Wade ann an Alba deiseil le drochaid Obar Pheallaidh, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seanailear Seòras Wade: General George Wade; Contae na h-IarmhÃ: County Westmeath; Cogadh nan Naoi Bliadhna: The Nine Years’ War; Cogadh Co-arbas na Spà innte: The War of the Spanish Succession; Mà idsear-Seanailear: Major-General; gearastanan: barracks; carragh-cuimhne: memorial; luchd-dealbhachaidh: designers; luchd-einnseanairidh: engineers.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: pìosan dhiubh nach deach a leasachadh mar rathaidean do charbadan: parts of them that were not developed as vehicular roads; an robh Wade na churaidh no na thrustar?: was Wade a hero or a rogue?; fà gaidh mi sin agaibh fhèin: I’ll leave that to you (to decide); ge brìth dè ur beachd air Wade, dh’atharraich e a’ Ghà idhealtachd: whatever your opinion on Wade, he changed the Highlands; bhuineadh e do shliochd nan Sasannach ann an Èirinn: he belonged to the Anglo-Irish; Rèisimeid Iarla Bhath ann an Arm Shasainn: The Earl of Bath’s Regiment in the English Army; dh’èirich e tro na rangan: he rose through the ranks; à rdachadh gu commandair an airm Bhreatannaich ann an Èirinn: promotion to commander of the British Forces in Ireland; an aghaidh nan Seumasach ann an Sasainn: against the Jacobites in England; chaidh e an sàs ann am poilitigs mar bhall-pà rlamaid: he got involved in politics as a member of parliament; airson an dùthaich a mheas: to assess the country; duilich smachd a chumail orra: difficult to keep them under control; nuair a bhiodh an drochaid deiseil agus a’ chlach mu dheireadh na h-à ite: when the bridge was finished and the final stone in its [her] place; bhiodh am fiodh air a thoirt air falbh airson na h-ath-dhrochaid: the wood would be removed for the next bridge; thar Uisge Tatha ann an Obar Pheallaidh: across the River Tay in Aberfeldy; chaidh a fosgladh gu trafaig: it was opened to traffic; chosg i fortan: it cost a fortune.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼS iongantach mura cuala sibh an rann beag: it would be surprising if you hadn’t heard the wee verse ie I’d expect you to have heard ... This is a common idiom and one well worth the effort mastering. ʼS iongantach mura cuala tu an naidheachd ‘I expect you’ve heard the news’. The obverse is ʼS iongantach gun cuala tu an naidheachd ‘I don’t expect you’ve heard the news’ [i.e. it would be suprising if you had heard ...
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ togail rathaidean airm far nach robh dad dhen t-seòrsa ann roimhe: building military roads where there was nothing of the like there before.
Broadcasts
- Sun 28 Mar 2021 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 31 Mar 2021 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.