An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, Didòmhnaich Slat Phailm
Seirbheis Didòmhnaich Slat Phailm còmha ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, Eaglais Bhaisteach Longfleet. Palm Sunday service with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, an salm agus an leughadh a leanas:
Mà iri Mhoireasdan a’ seinn Hosanna don t-Slà naighear.
Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu a’ seinn Moladh Dia.
An còmhlan Cliar a’ seinn Salm 108.
Do Là mh a Chrìosta air a sheinn le Julie Fowlis.
Kathleen NicAonghais agus Catrìona Anna Nic-a-Phì a’ seinn Crann Ceusaidh na Nà ire
Leughadh: Marcus 11: 1-11
Ceann-teagaisg: Marcus 11: 7- 9
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig an Àrd-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh faisg air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn fhads a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh as t-samhradh 2017 agus tha i fhèin is Micheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 28 Mar 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Mar 2021 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal