Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceilidh à Muile le Mairead Nicleòid 's Donnie 'Large' Dòmhnallach

Ceilidh à Muile le còmhlan Bobby Mhicleòid le Mairead Nicleòid 's Donnie 'Large Dòmhnallach. A ceilidh in Mull with Bobby Macleod and his band, Margaret Macleod and Donnie 'Large'.

Ann a seachdain aig toiseach na Dùbhlachd ann an 1977 chaidh grunn cheilidhean a chlàradh ann an Taigh-òsta a Mhishnish ann am Muile agus abair gu robh ceòl math ri chluinntinn nuair a chaidh an craoladh as t-earrach às dèidh sin. Cluinnidh sinn taghadh de na ceilidhean sna seachdainean a tha romhainn.

Os cionn a' chiùil tha cò eile ach Bobby Macleòid air a' bhucas agus Billy Thom air na drumaichean, le Frank Henery air a' ghiotar agus Alasdair Macleòid air 'double bass'. A thuilleadh air a' chèol an-diugh tha Mairead Nicleòid a' seinn 'O 's ann tha mo ghaol sa thall' agus na puirt 'Idal, Udal, tilg an cuige', 'Ruidhlidh na coilich dhubha' agus 'Nam biodh agam trusdar bodaich', agus Donnie 'Large' Dòmhnallach a' seinn 'Fad an t-samhraidh gun sgadan' agus 'Ceann goirt is aithreachas'.

'S iad na puirt a th' aig Bobby agus Billy :-
Donald Maclean/Jig of Slurs, Center's Bonnet.
Tha Peigi sa Mhonadh/ An t-Alltan Dubh /Iain, a Luaidh nach Pòs Thu.
Millbank Cottage/ Edinburgh Volunteers .
Mrs Elder/ Mrs MacPherson of Inveran.
The Rhodesian Regiment/ John D Burgess.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 16 Feb 2021 12:00
  • Tue 16 Feb 2021 22:00
  • Sun 21 Feb 2021 10:00