![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p01l518f.jpg)
Muin, Nuin, Onn, Beithe bhog, Ruis, Sùil (Seileach), Teine agus Ùr
Sùil fharsainn air an dà imh a th' aig na Gà idheil ri craobhan. An overview of the Gaels' relationship with trees.
'S e 2020 Bliadhna nan Craobh agus tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobhan na Gà idhealtachd. Ma bheir sibh sùil air còmhdach faclair Èideard Dwelly, chì sibh dealbh de chraobhan agus iad a' dol mar seo - ailm, beithe, coll, dair, eadha, feà rna, gort, uath, iogh, luis, muin, nuin, onn, beithe bhog, ruis, sùil, teine agus ur. Tha na craobhan a' comharrachadh litrichean na h-aibidil sa Ghà idhlig, a' sealltainn cho cudromach 's a tha craobhan do na Gà idheil.
A seo tha Dòmhnall Dòmhnallach bho ionad Àrois am Port Rìgh a' toirt ar cuairt timcheall coille na h-aibidil a th' aca a sin gu crìch agus a' coimhead ri craobhan muin, nuin,onn, beithe bhog, ruis, sùil ( seileach ), teine agus ur. Cluinnidh sinn bho Ruaraidh Francis mu obair Urras na Coilltearachd agus bho Donaidh Moireasdan agus Ken Rodaidh Macaoidh mun obair mhòr a rinneadh ann an Coille Ath Linne air na Lochan a Leòdhas. Tha Leòdhasach eile, Murchadh Dòmhnallach, ag innse mun iomadach craobh a tha e fhèin air a chur - còrr air 1,000 - air a' lot aige, nam measg Californian Redwood agus monkey puzzle. Ann am Paiblisgearraidh an Uibhist a Tuath tha Alaig MacAmhlaigh a' còmhradh mun ùidh a th' aige ann a bhith a' tuairnearachd fiodh agus mun fhiodh as fheà rr agus leis an caomh leis a bhith 'g obair. Tha sin agus sean-fhacail agus bà rdachd ri chluinntinn.
Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach ann an 2008.