Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1119
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1119. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 30 Dec 2020
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 815
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1119
Duration: 05:00
Litir 1119: A' Ghà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu (3)
Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mun là raich-lìn ‘Sgeul na Gà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag aithris mu mar a bha Seanadh Earra-Ghà idheal de dh’Eaglais na h-Alba ag iarraidh eadar-theangachadh dhen t-Seann Tiomnadh gu Gà idhlig. Ge-tà , cha do thachair e.Ìý
Carson? Uill, bha strì a’ dol eadar na Clèirich agus na h-Easbaigich ann an Alba. Airson greis bha là mh-an-uachdar aig na h-Easbaigich, agus chaidh Gilleasbuig Caimbeul, Marcas Earra-Ghà idheal, a chur gu bà s. Bha esan na Chlèireach gu a smior. Chaidh na pròiseactan ‘Clèireach’ – leithid eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh – far an rathaid. Bhiodh ceud gu leth bliadhna ann mus nochdadh an Seann Tiomnadh ann an Gà idhlig.
Bha an suidheachadh cà nain doirbh dhaibhsan a bha ag iarraidh a bhith nam ministearan ann an Earra-Ghà idheal. Dh’fheumadh Gà idhlig a bhith aca. Bhiodh an Seanadh a’ cur deuchainn cà nain orra. Ach tha e coltach nach robh mòran Gà idhlig anns na sgoiltean sgìreil ann an Earra-Ghà idheal. Agus cha robh an cà nan air a theagasg ann an Oilthigh Ghlaschu.
Anns an ochdamh linn deug, thathar a’ smaoineachadh gun robh am bà rd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, na oileanach ann. Chan eil dearbhadh air sin, ge-tà . Ach tha lethbhreacan de sgrìobhaidhean is leabhraichean aige ann an leabharlann an oilthigh. Tha iad prìseil thar tomhais.Ìý
Anns an ochdamh linn deug, bha Glaschu, agus an t-oilthigh, taiceil don riaghaltas ann an Lunnainn, agus nà imhdeil do na Seumasaich. A dh’aindeoin sin, bha gu leòr de dh’uaislean na Gà idhealtachd – co-dhiù bha iad nan Seumasaich no nach robh – a’ cur an cuid mhac ann mar oileanaich.
Anns an naoidheamh linn deug, chaidh Comunn Oiseanach a chur air dòigh anns an oilthigh. Bha na coinneamhan agus geà rr-chunntasan aca ann an Gà idhlig. An toiseach bha iad ag amas air deasbadan foirmeil a chumail. Bha a’ chiad deasbad aca air co-dhiù bha e na b’ fheà rr airson sonas duine a bhith pòsta no singilte.Ìý
Seo agaibh cuid de na cuspairean eile a bha iad a’ deasbad anns a’ Chomunn Oiseanach: an robh na Gà idheil ceart ann a bhith a’ toirt taic don Phrionnsa Teà rlach ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745)?; am bu chòir do na trà illean dubha anns na h-Innseachan Breatannach a bhith air an saoradh sa bhad?; am bu chòir daoine ciontach a chur gu bà s?; agus, dè as fheà rr – am pòsadh òg no sean?
Agus chùm an Comunn deasbadan air dà chuspair air am bi Gà idheil fhathast a’ deasbad – am bu chòir litreachadh na Gà idhlig atharrachadh?; agus, an robh an ceangal ri Sasainn gu buannachd na h-Alba? Cha chan mi an còrr air cuspair seach cuspair sin!
Ochd bliadhna an dèidh gun deach an Comunn a chur air chois, thòisich na buill air strì gus ollamhachd Ghà idhlig a stèidheachadh san oilthigh. Bha sin ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1839). Chuir iad athchuinge gu Rùnaire na Dùthcha, am Morair Iain Ruiseal. Thuirt na h-oileanaich gur e cùis uabhais a bh’ ann mar a bha cion ullachaidh ga thabhann air ministearan Gà idhealach. Bha iad a’ faighinn iomadh sgil, ach cha robh iad a’ faighinn oideachadh sam bith anns a’ chà nan anns am biodh iad a’ searmonachadh. Ciamar a chaidh don iarrtas sin nuair a rà inig e an riaghaltas? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: là rach-lìn: website; là mh-sgrìobhainn: manuscript; Seanadh Earra-Ghà idheal: Argyll Synod; Marcas: Marquis; Comunn Oiseanach: Ossianic Society; Rùnaire na Dùthcha: The Home Secretary; am Morair Iain Ruiseal: Lord John Russell; oideachadh: instruction.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh: in the last fortnight; eadar-theangachadh dhen t-Seann Tiomnadh: a translation of the Old Testament; bha strì a’ dol eadar na Clèirich agus na h-Easbaigich: a struggle was taking place between the Presbyterians and the Episcopalians; bha là mh-an-uachdar aig na h-Easbaigich: the Episcopalians had the upper hand; bha esan na Chlèireach gu a smior: he was a committed Presbyterian; chaidh X far an rathaid: X went off the rails; bhiodh ceud gu leth bliadhna ann mus nochdadh X: a century and a half would elapse before X appeared [would appear]; bha an suidheachadh cà nain doirbh dhaibhsan a bha ag iarraidh a bhith nam ministearan: the linguistic situation was difficult for those that wanted to be ministers; bhiodh an Seanadh a’ cur deuchainn cà nain orra: the Synod would test their Gaelic; cha robh an cà nan air a theagasg ann an Oilthigh Ghlaschu: the language was not taught at the University of Glasgow; thathar a’ smaoineachadh gun robh X na oileanach ann: it is thought that X was a student there; chan eil dearbhadh air sin, ge-tà : there is no proof of that, however; nà imhdeil do na Seumasaich: hostile to the Jacobites; a’ cur an cuid mhac ann: sending their sons there; bha a’ chiad deasbad aca air co-dhiù bha e na b’ fheà rr airson sonas duine a bhith pòsta no singilte: their first debate was about whether it was better for a person’s happiness to be married or single; am bu chòir do na trà illean dubha anns na h-Innseachan Breatannach a bhith air an saoradh sa bhad?: should the black slaves in the British Indies be freed immediately?; am bu chòir litreachadh na Gà idhlig atharrachadh?: should the Gaelic spelling system be changed?; cha chan mi an còrr air cuspair seach cuspair sin!: I won’t say more on those two subjects!; strì gus ollamhachd Ghà idhlig a stèidheachadh san oilthigh: campaign to establish a Gaelic professorship in the university.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Dh’fheumadh Gà idhlig a bhith aca: they were required to have Gaelic. Dh’fheumadh can be either the conditional form of feum ‘be in need of’ eg dh’fheumadh tu falbh ‘you would have to leave’, and I might have said dh’fheumadh iad Gà idhlig a bhith aca ‘they would have to have Gaelic’. But it can also be a past passive construction ‘were required’ without the need for the pronoun.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha iad prìseil thar tomhais: they are priceless.
Broadcasts
- Sun 27 Dec 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Dec 2020 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.