Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann Loch

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church .

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 84: 11-12 air fonn Moravia agus ‘s e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Sam 103: 13-14 air fonn Morven agus ‘s e D Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho Bhuidheann Seinn nan Sailm ann an Nis.
Salm 90: 1-2 air fonn Walsall agus ‘s e Iain MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh: Leabhar nan Sailm : Salm 90

'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha triùir a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fheìn, is caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

Last on

Sun 27 Dec 2020 15:00

Broadcasts

  • Sun 27 Dec 2020 09:00
  • Sun 27 Dec 2020 15:00