Main content
18/12/2020
Bidh sgoilearan à Bun-sgoil Ghà idhlig Inbhir Nis ag innse dhuinn mu na traidiseanan Nollaig ann an 5 dùthchannan thall thairis.
Christmas traditions in five overseas countries.
Tha prògram loma-là n aig Marie dhuibh an t-seachdain seo agus i a' toirt sùil air à m na Nollaig, chan ann a-mhà in ann an Alba oir bidh sgoilearan à Bun-sgoil Ghà idhlig Inbhir Nis mu à m na Nollaig ann an còig dùthchannan eile.
Cluinnidh sinn beachd Lachlann air a' film Wolfwalkers agus bidh Ruairidh ag innse dhuinn mu eachdraidh chracairean Nollaig agus gheibh sinn a-mach mar a thòisich an traidisean a bhith a' seinn laoidhean Nollaig.
A bharrachd air a sin, cluinnidh sinn mu Phanto na Nollaig aig sgioba CÂ鶹Éç Alba.
Last on
Sat 19 Dec 2020
12:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Trufailean
Trufailean beaga milis ann an cruth bodach-sneachda
Ma tha sibh airson beagan bèicearachd a dheà namh airson à m na Nollaig, carson nach fheuch sibh air trufailean beaga milis – ann an cruth bodach-sneachda...
Airson seo, feumaidh sibh:Â
220g de bhriosgaidean dinnsear
120g de chà ise bog
Agus airson an sgeadachadh...
250g de sheòclaid gheal
Siùcairean agus putain seòclaidÂ
Siùcar còmhdachaidh dubh is orains airson sgrìobhadh air na bodaich
Biorain fhiaclan
¶Ùò¾±²µ³ó:
An tòiseach, prann na briosgaidean nam pìosan beaga.
Measgaich an cà ise bog agus na briosgaidean còmhla gus am bi taois agad.
Dèan 6 buill cruinn leis an taois, beagan nas lugha na buill ping pong.
An uair sin, dèan 6 buill eile, beagan nas lugha nan fheadhainn mhòra. Ma tha an taois rud beag steigeach, faodaidh sibh beagan uisge a chur air ur là mhan agus bidh e nas fhasa na buill a dheà namh.
Cuir am ball mòr aig a’ bhonn agus ball beag air a mhuin agus cur bioran fhiacail tron dà bhall. Lean ort gus am bi iad uile dèante.
Cuir air trèidhe iad agus dhan frids leotha airson fuarachadh airson mu uair a thìde.
Le taic bho inbheach, leagh an t-seòclaid gheal agus nuair a tha na buill air fuarachadh, còmhdaich iad leis an t-seòclaid. Cuir air ais air an trèidhe iad gus an tiormaich iad.Â
Cleachd an t-siùcar còmhdachaidh agus sgeadaich do bhodach-sneachda - dubh airson a shùilean agus na putain, agus orains airson a shròin. Â
Thoir a-mach na biorain.Â
A’ cleachdadh rud beag siùcar còmhdachaidh, cuir putan seòclaid air mullach a’ bhodaich agus beagan a bharrachd siùcar air muin sin agus seòclaid cnapach eile air a’ mhullach airson ad a thoirt dha. Sin agad e.Â
Gu math furasta agus sìmplidh airson an toirt seachad mar phreusant no airson an ithe!

Na dh'fheumas sibh
Broadcasts
- Fri 18 Dec 2020 14:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 19 Dec 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal