An t-Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist. Gaelic religious service conducted by Rev Callum MacLeod, minister of Shawbost Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 142: 4-5 air fonn Walsall agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 98: 2-3 air fonn St David agus Aonghas MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 118: 15-16 air fonn Coleshill agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Salm 77: 1-15
Ceann-teagaisg: Salm 77: 11
'S ann do bhaile Shuardail san Rubha a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhà gail ann an 1974, thòisich e ag obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bh' orra, mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar as eòlaich sinn orra an-diugh.
Thà inig an t-Urramach MacLeòid gu bhith na bhall den Eaglais Shaor san Rubha aig deireadh na seachdadan. Bha e cuideachd a' teagaisg ann an Sgoil Shà baid, na dheacon agus an uair sin na èildeir anns a' choitheanal.
Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.
Dh'fhà g e BT ann an 1997 agus chaidh e a-steach airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist san Dà mhair 2000 far a bheil e chun an latha an-diugh. A bharrachd air a bhith a' frithealadh a' choitheanail, tha an t-Urr MacLeòid cuideachd na chlà rc aig Clèir nan Eilean Siar.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, ( rud nach bi a' tachairt ro thric ) 's caomh leis a bhith a' falbh air a' bhaidhsagail, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd. Grunn bhliadhnaichean air ais, sgrìobh e a' chiad leabhar aige air eachdraidh Eaglais Shaor Shiaboist.
Last on
Broadcasts
- Sun 6 Dec 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Dec 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal