Eachdraidh taca Ghabhsainn
Eachdraidh taca Ghabhsainn air innse le Aonghas Fionnlasdan agus Aonghas Greumach. Angus Finlayson and Angus Graham tell the history of Galson Farm on the west side of Lewis.
Ann an saoghal Joan Alice NicÌomhair ag èirigh suas air taobh siar Leòdhais, cha robh à ite air an t-saoghal cho brèagha ri baile Ghabhsainn, baile eadar Borgh agus Dail bho Dheas anns a bheil 52 croit an-diugh. Bhiodh i air là ithean-saora an taigh a seanar, taigh sa robh cathrannas gu leòr, agus coimhearsnachd far an robh a h-uile duine cho dlùth ri chèile, ‘s gu robh iad mar aon theaghlach.
Bha aon taigh sa bhaile a bha a' cur iongnadh oirre ge-tà oir bha e cho mòr a bharrachd air taighean chà ich, taigh teaghlach Iain Aonghais Cùghail, neo Taigh an Tac. Bha a seanair ag innse dhi gu robh tòrr eachdraidh co-cheangailte ris an taigh agus mar a chaidh an tac a bhriseadh airson gu faigheadh na teaghlaichean dachaighean.
Bliadhnaichean às dèidh sin fhuair i an cothrom eachdraidh taca Ghabhsainn a chlà radh le dithis de mhuinntir na sgìre. 'S cha robh dithis na b’fheà rr air a shon na Aonghas Fionnlasdan, neo Aonghas Thormoid Thuataidh, à Gabhsann agus Aonghas Greumach, am Misean à Borgh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 19 Nov 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Nov 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Nov 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal