Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach
Còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis. Gaelic service with DJ Morrison, Free Church (Continuing) evangelist.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 11-13 air fonn Moravia agus os cionn na seinn tha an t-Urr Niall Seathach le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Salm 85: 9-10 aior fonn Coleshill agus ‘s e Tormod Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Leabhar nan Gnìomhairean 16: 22-31
Ceann-teagaisg: Leabhar nan Gnìomhairean 16: 30-31
'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san à ite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheà rr dha na Hearadh."
Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.
Mus deach e gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson 5 bliadhna. Dh'fhà g e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad 3 bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le cà r far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-drà sta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phà irt dhan obair aige, bidh e siubhail gu diofar sgìrean ann an Alba agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric, 's ann a-muigh air an t-srà id a bhios e a' searmonachadh.
Last on
Dòmhnall Iain Moireasdan
Broadcasts
- Sun 25 Oct 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Oct 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal