Seonaidh Ailig MacGuaire, Èildear Eaglais na h-Alba
Seirbheis cuide ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba, Uibhist a Tuath. Gaelic service conducted by John Alex MacQuarrie, Church of Scotland elder.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 43: 3-4 air fonn New London agus ‘s e Dòmhnall A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 16: 10 11 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 45: 13-14 air fonn Bedford agus ‘s e Iain MacBheathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Uibhist a Tuath.
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 7: 9-17
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 7: 13
Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas an Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an à m sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP bho chionn còig bliadhna agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. Is ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhrà thair. Thà inig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr air deich bliadhna fichead agus thoisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh mu fhichead bliadhna air ais. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille-Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
More episodes
Seonaidh Ailig MacGuaire, Èildear Eaglais na h-Alba
Broadcasts
- Sun 4 Oct 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Oct 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jul 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jul 2021 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal