Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh bàrdachd na seachdain

A' bhàrdachd a chaidh a thaghadh an t-seachdain sa airson Mìos na Bàrdachd againn. A compilation of the poems chosen this week by listeners for our Poetry Month.

A h-uile là seachdaineach san t-Sultain air Â鶹Éç Radio nan Gàidheal, tha sinn a’ cluinntinn na taghaidhean bàrdachd Ghàidhlig as fhèarr le grunn dhaoine bho thall ‘s a bhos. Dh’fhaighnich sinn dhaibh dè an dàn as fhèarr leòtha agus carson a tha e cudromach dhaibh. A seo tha cothrom agaibh èisteachd ri taghaidhean na seachdain a dh’ fhalbh.

Innsidh an t-seinneadair Muileach Alasdair MacGilleBhàin dhuinn mun taghadh aigesan, Chì Mi Bhuam le Muileach eile, Iain MacPhàidein. Mìnichidh Magaidh Nic a' Ghobhainn carson a tha An Fhàinne Òir le Chrissie NicÌomhair cho prìseil dhi agus stiùridh Hamish Scott sinn tron An Ataireachd Àrd, an taghadh aigesan. 'S e òran aithnichte eile a thagh Maeve NicFhionghain, an dàn eireachdail aig Dòmhnall Ruadh Phàislig, Oran na Cloiche agus innsidh Pàdraig Moireasdan dhuinn mun dàimh làidir a th’ aige ri brìgh agus bàrd an taghaidh aigesan, Bàidh ris a’ Ghàidhlig.

30 minutes

Last on

Sun 6 Sep 2020 16:05

Broadcast

  • Sun 6 Sep 2020 16:05