Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1098
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1098. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 5 Aug 2020
23:30
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 794
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1098
Duration: 05:00
Litir 1098: An t-Urr. Alasdair Stiùbhart
Bha mi ag innse dhuibh mun Urr. Alasdair Stiùbhart a sgrìobh an leabhar ‘Elements of Gaelic Grammar’. Rugadh e sa mhansa ann am Blà r Athall ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a ceithir (1764). Aig aois trì-deug, chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn. Aig aois ochd-deug, thòisich e mar oileanach Diadhachd.
Ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a còig (1785), nochd cothrom a bhith na mhinistear ann am Maoilinn, faisg air Baile Chloichridh, ann an Siorrachd Pheairt. Chòrd e ris gu mòr a bhith air ais air a’ Ghà idhealtachd. Shaoil e gun robh na coilltean beithe timcheall a’ mhansa air leth brèagha. Agus ghabh an coitheanal ris mar mhinistear. Bha e dìreach fichead ʼs a dhà bliadhna a dh’aois.
Ged a bha Gà idhlig aige mar chà nan, shaoil e gun robh stiùireadh a dhìth air a thaobh grà mair, gu h-à raidh nuair a bha e a’ sgrìobhadh shearmonan. Aon bhliadhna, bha e meadhanach thairis air a’ gheamhradh. Thug sin ùine dha airson an leabhar-grà mair aige a sgrìobhadh. Chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ʼs a h-aon (1801).
Ged a bha Mgr Stiùbhart na mhinistear, bha rudeigin a dhìth air gu spioradail, dha rèir fhèin. Fhuair e dùsgadh thairis air dà latha anns an Ã’gmhios seachd ceud deug, naochad ʼs a sia (1796). Thà inig an soisgeulaiche Sasannach, Teà rlach Simeon, à Cambridge, a dh’fhuireach sa mhansa ann am Maoilinn. Bha Mgr Stiùbhart dhen bheachd gun robh Dia air Teà rlach Simeon a chur thuige mar theachdaire. Bho sin a-mach, bha taobh soisgeulach aig Alasdair Stiùbhart nach robh air a bhith aige roimhe.Â
Nuair a bha an t-Urr. Simeon còmhla ris, bha bean Alasdair, Louisa, bochd le tinneas sgamhain. Dà bhliadhna gu leth an dèidh sin, chaochail i. A rèir na sgrìobh e fhèin, bha an dùsgadh spioradail aige na chuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri bàs a mhnà .
Bha Alasdair a-nise a’ fàs ainmeil. Trì bliadhna an dèidh bàs a mhnà , fhuair e cuireadh bho ghrunn mhinistearan a dhol a Shiorrachd Rois. Bha e a’ fuireach aig ministear anns an Eilean Dubh, an t-Urr. Teà rlach Calder. An ceann greis, phòs e an nighean a bu shine aig Mgr Calder. Ann an ochd ceud deug ʼs a còig (1805), fhuair e litir bhon a h-uile comhairliche air Comhairle Baile Inbhir Pheofharain, a’ toirt cuireadh dha a bhith na mhinistear an sin.
Ann an ochd ceud deug ʼs a dhà -dheug (1812), thà inig an dà rna eagran dhen leabhar-ghrà mair aige a-mach. Bha Alasdair Stiùbhart a-nise cliùiteach mar sgoilear Gà idhlig. Dh’iarr an t-Urr. Iain Stiùbhart ann an Lus air Alasdair a bheachdan a thoirt seachad air ath-nuadhachadh a’ Bhìobaill Ghà idhlig. Agus dh’iarr Comunn Gà idhealach na h-Alba air faclair Gà idhlig a chur ri chèile. Ach dhiùlt e, oir bha e ro thrang mar mhinistear. Â
Cha robh e toilichte ann an Inbhir Pheofharain, ge-tà , agus dh’fhuiling e call dòchais, no eadhon tinneas-inntinn air choreigin. Ghluais e a Dhùn Èideann, far an robh e na mhinistear aig a’ Chanongate, agus chaochail e an sin anns a’ Chèitean ochd ceud deug, fichead ʼs a h-aon (1821). Bidh mòran ga chuimhneachadh mar mhinistear. Bidh gu leòr eile ga chuimhneachadh mar fhear de phrìomh sgoilearan Gà idhlig a linne. Sà r-Pheairteach am measg sà r-Pheairtich eile a thug cliù do ar cà nan prìseil.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: An t-Urr. Alasdair Stiùbhart: The Rev. Alexander Stewart; Oilthigh Chill Rìmhinn: St Andrews University; Diadhachd: Divinity; Maoilinn: Moulin; Baile Chloichridh: Pitlochry; soisgeulaiche: evangelical, evangelist; eagran: edition; Comunn Gà idhealach na h-Alba: The Highland Society of Scotland; dhiùlt e: he refused.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Rugadh e sa mhansa ann am Blà r Athall: he was born in the manse in Blair Atholl; bha rudeigin a dhìth air gu spioradail, dha rèir fhèin: he lacked something spiritually, according to [his own account]; gun robh Dia air Teà rlach Simeon a chur thuige mar theachdaire: that God had sent Charles Simeon to him as a messenger; cuireadh bho ghrunn mhinistearan a dhol a Shiorrachd Rois: an invitation from a group of ministers to go to Ross-shire; phòs e an nighean a bu shine aig X: he married X’s eldest daughter; a h-uile comhairliche air Comhairle Baile Inbhir Pheofharain: every councillor on the Dingwall Town Council; dh’iarr an t-Urr. Iain Stiùbhart ann an Lus air Alasdair a bheachdan a thoirt seachad air ath-nuadhachadh a’ Bhìobaill Ghà idhlig: the Rev. John Stewart in Luss asked Alexander to give his opinions on the revision of the Gaelic Bible; dh’fhuiling e call dòchais, no eadhon tinneas-inntinn air choreigin: he suffered a loss of confidence, or even some sort of mental illness; ghluais e a Dhùn Èideann: he moved to Edinburgh; bidh gu leòr eile ga chuimhneachadh mar fhear de phrìomh sgoilearan Gà idhlig a linne: many others will remember him as one of the prime Gaelic scholars of his day; Sà r-Pheairteach am measg sà r-Pheairtich eile a thug cliù do ar cà nan prìseil: a great Perthshire man among other great Perthshire folk who gave status to our beloved language.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha an dùsgadh spioradail aige na chuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri bàs a mhnà : his spiritual awakening was a help in dealing with the death of his wife. Bean ‘wife’ is an irregular feminine noun which is becoming an ‘awkward customer’ because many modern speakers of the language are not comfortable with its traditional inflection for case. The traditional genitive singular of a’ bhean is na mnà . It is here a mhnà ‘of his wife’, lenited under the influence of the third person singular possessive pronoun. To me, a bhean means ‘his wife’, not ‘of his wife’ so I am very uncomfortable with bàs a bhean for ‘the death of his wife’. Call me a ‘traditionalist’, if you will!
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha e meadhanach thairis air a’ gheamhradh: he was in indifferent health over the winter.
Broadcasts
- Sun 2 Aug 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Aug 2020 23:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.