Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha Melbourne fo ghlas a-rithist

Fios à Melbourne agus am baile fo ghlais airson an dàrna turas ri linn a’ Choròna-bhìorais. An update from Melbourne which is currently under lockdown for the second time.

Tha Banca Rìoghail na h-Alba ag atharrachadh ainm a' chompanaidh gu Natwest Group, oir tha iad a’ faireachdainn gu bheil an t-ainm a tha air an dràsta a’ tarraing droch chliù. Dè cho furasta sa tha e ainm ùr a thoirt air companaidh agus dè cho soirbheachail sa tha e? Gheibh sinn beachd bho Rhoda NicDhòmhnaill agus Iain Moireasdan, dithis eòlaichean ann an dàimh poblach agus margaidheachd.

Tha Melbourne ann an Astràilia fo ghlais airson an dàrna turas agus an Coròna-bhìoras air tilleadh dhan sgìre. Cluinnidh sinn bho Morris MacÌomhair, a tha a' fuireach anns a' bhaile. Tha cealla-deug ann a nise bho chaidh am baile a dhùneadh sìos seach gu robh an àireamh a tha a' fulaing leis a' bhìoras air a' dhol am meud.

Agus tha Aonghas Pàdruig Caimbeul ag innse dè a bha dol ann an eachdraidh air an t-seachdain seo. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 22 Jul 2020 09:00
  • Wed 22 Jul 2020 21:30