Tony Kearney ann an còmhradh ri mhà thair
3/3 Mu dheireadh thall, tha Tony Kearney air an cothrom a ghabhail sgeulachdan là ithean òige a mhà thar a chlà radh. Tony Kearney in conversation with his mother, Nanny Kearney.
Mar phà rantan chan e h-uile sgeulachd a bhios sinn airson innse dhar cuid chloinne, ach rinn Tony Kearney a h-uile oidhirp air sgeulachdan gu leòr fhaighinn bho mhà thair nuair a fhuair e air microphone a chur air a beulaibh mu dheireadh thall.
Anns a’ phrògram mu dheireadh den t-sreath, cluinnidh sinn mar a chaidh Nannie air ais a Bharraigh agus a theagasg ann an Sgoil Bhà gh a’ Chaisteil, far an robh a h-antaidh Anna a’ teagaisg airson iomadach bliadhna roimhe sin.
Fhad ‘s a bha i ann am Barraigh, chuir i eòlas air a deagh charaid, Flòraidh NicNèill, Flòrag an Tà illeir, agus nuair nach biodh iad a’ falbh gu dannsaichean is cèilidhean a sheinn, bhiodh iad trang a’ cluich badminton.
Nuair a dh’fhà g Nannie Barraigh agus a thill i gu tìr mòr, choinnich i fear a bha dol a dh’atharrachadh a beatha le bhith ga toirt a Hong Kong, ach mar a thuirt i fhèin, “Taing do Dhia nach deach mi ann! Fhuair mi seòrsa do litir, Dear John!“.
Ach cha robh e fada gus an do choinnich i ris an fhear a dh’atharraich a beatha agus a thuit ann an gaol leatha fhèin agus le eilean a h-à raich, Eilean Bharraigh. B’ esan Tommy Kearney agus bha iad pòsta còrr is dà fhichead bliadhna. Chuir iad seachad am bliadhnaichean mu dheireadh còmhla air ais ann am Barraigh.
Last on
Dealbhan co-cheangailte ris a' phrògram
Dealbhan co-cheangailte ris a' phrògram
Broadcasts
- Mon 6 Jul 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 6 Jul 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jul 2020 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal