Tony Kearney ann an còmhradh ri mhà thair
Mu dheireadh thall, tha Tony Kearney air an cothrom a ghabhail sgeulachdan là ithean òige a mhà thar a chlà radh. Tony Kearney in conversation with his mother, Nanny Kearney.
Is iomadh fear is tè leis a bheil Tony Kearney air agallamh a dhèanamh, a’ faighinn a-mach mum beatha is eile anns an obair a th’ aige mar chraoladair. Ach tha fhios nach do chur e microphone air beulaibh neach cho prìseil ris an tè air an do chur e na ceistean nas trà ithe am-bliadhna. Anns an t-sreath ghoirid seo cluinnidh sinn Tony ann an còmhradh ri mhà thair, Nannie Kearney neo Nannie Pheadar Ròraidh.
Anns a' phrògram seo tha Nannie a’ cuimhneachadh air là ithean a h-òige ann am Barraigh. Cluinnidh sinn mun a' chiad turas aice ann an cà r, turas nach do chòrd rithe idir, idir agus an cà r na annas sna là ithean sin ann am Barraigh! Tha Nannie cuideachd a’ cuimhneachadh an oidhche a thòisich an Dà rna Cogadh agus an là a thà inig an naidheachd gun robh an cogadh seachad.
Last on
Broadcasts
- Mon 22 Jun 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 22 Jun 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jun 2020 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal