Aonghas Greumach am Baile Ghobhainn
Dan Moireach am Baile Ghobhainn còmhla ri Aonghas Greumach a' còmhradh mu bheatha. Dan Murray in Govan in conversation with Angus Graham about his early life there and in Lewis.
'S e prògraman as an t-sreath An Tac an Teine a th' againn dhuibh an t-seachdain s' gach madainn aig leth uair an deidh naoi - sreath far am biodh Dan Moireach a' còmhradh ri daoine, mar a shaoileadh sibh, an tac an teine. Ach an-diugh, 's ann a tha Dan air srà idean Bhaile Ghobhainn an Glaschu.
Bha Aonghas Greumach à Griais na iar-neach-gairm air Comhairle nan Eilean Siar airson còig bliadhna bho 1994 agus na chomhairliache bho 1983. Ron a sin thionndaidh e a là mh ri iomadach rud - eadar a bhith sa Chabhlach Mharsanta 's a' fighe chlòitean, gu bhith ag obair an gà raidhean Chiseòrn agus Àranais. Rugadh e ann a 1948 agus b' ann am Baile Ghobhainn a thogadh e, còmhla ri athair 's a sheanmhair, gus an tà inig e 'dhachaigh' agus a chaidh e a Sgoil a Bhac.
A seo tha e a' cuimhneachadh air na là ithean sin nuair a bhiodh e a' bleigeardachd na bhalach òg; air na turais dhachaigh a Leòdhas air an trèana agus air a' 'steamer'; air Talla Bhaile Bhaile Ghobhainn agus air Govan Cross; air gà radh iarainn Harland and Wolff far a robh athair ag obair, agus air an atharrachadh a bha air a thighinn air a' sgìre nuair a chaidh e fhèin is Dan Moireach cuairt ann an 1990.
Bhà saich Aonghas aig aois 60 ann an 2008.
Last on
Broadcast
- Mon 22 Jun 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal