Murdanie Mast
Còmhradh a' bh' aig Mairead Nic IllInneinn ri Murchadh Ceanadach, Murdanie Mast à Marabhaig a Lèodhas. Murdo Kennedy from Marvig in Lewis in conversation with Mairead MacLennan.
‘S ann à Marabhaig ann a sgire nan Loch ann a Leòdhas a bha Murdanie Mast, Murchadh Daniel Ceannadach. Thainig am far-ainm Mast bho athar, Alasdair. Tha e coltach gur e duine caol, à rd ,dìreach a bh' ann agus cleachdadh aige bhith an còmhnaidh na sheasamh a-muigh air deac gach bà ta air an robh e a-riamh. Thòisich daoine ‘g èigheach Am Mast air agus lean am far-ainm sin ris an teaghlach.
A' fàs suas aig an taigh ann an Uibhist bha Mairead NicIllInneinn a' cluintinn ainm Mhurdanie Mast glè thric ann a seanachas nabaidh dhi. Bha iad air bhith aig muir còmhla ‘s bha iad air sgeul a chumail air cà ch a chèile às dèidh là imh.
Mar sin, cha be ruith ach leum nuair fhuair i cothrom a dhol a cheilidh air an duine fhèin agus a bhean Louisa nan dachaigh ann a Marabhaig ann a 1989. Bha Murdanie air eòlas a chur air iomadh cearnaidh dhan t-saoghal ach ‘ s ann air bà t’ iasgaich ionadail, a Lady Marjorie a thoisich e, aig aois còig bliadhn’ deug.
Rinn Murdanie Mast iomadh òran cuideachd,’s iad a’ tarraing air iomadh cuspair bhon a' bheairt gu 'slimming club'. Bha leisg air fhèin ge-ta bà rdachd a ghà bhail orra agus ‘s dòcha gur e sin bu choireach nach robh mòran dhiubh aige air an sgriobhadh ach bha cuimhne aige orra fhathast airson an seinn, mar a fhuair Mairead a-mach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 18 Jun 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 18 Jun 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jun 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal