Dithis sheinneadair à Barraigh
Còmhradh 's òrain bho dithis sheinneadair Bharrach: Peigi Bhoidhd 's Uilleam Dòmhnallach. Conversation and song from two singers from Barra: Peggy Boyd and William MacDonald.
'S iad dithis sheinneadairean à Barraigh a th' againn an-diugh – Peigi Bhoidhd agus Uilleam Dòmhnallach.
B' ann an Earsairidh, a rugadh Peigi Bhoidhd (Peigi Bhochanan a bh’ oirre mus do phòs i ) , ach ghluais an teaghlach dhan Àird Mhòir nuair a bha i na leanabh. Bha ceòl anns an teaghlach agus bha a h-athair, gu sònraichte, math air seinn. Nuair a bha Peigi òg chaidh i a dh'obair a Mhòrair ‘s dhan Òban agus bhiodh i a' seinn ann an còisir na h-eaglais anns a' bhaile. An ùine ghoirid thà inig i gu aire Còisir Ghà idhlig an Òbain agus às a' sin sgap a cliù mar sheinneadair fad is farsaing. Ann a 1927 bha i dol a dh’fheuchainn airson a’ bhuinn òir aig Mòd a’ Ghearasdain ach, ri linn droch fhuachd a fhuair i aig an taigh am Barraigh, cha deach aice air seinn agus cha do dh’fheuch i tuilleadh. Thill i dachaigh a Bharraigh nuair a bha i 25 agus chaidh i gu mòr a’ sàs ann an obair an fhearainn. Phòs i agus bha ceathrar bhalach aca. Lean a h-ùidh ann a seinn fad a beatha , ‘ s ann a 1988 thadhal Aonghas Mac a’ Mhaoilein orra agus bhruidhinn iad mu a cuid seinn agus fhuair e òran na dhà bhuaipe cuideachd.
Rugadh Uilleam Dòmhnallach air a Leideag ann a 1934 - bha athair à Drinisiadar na Hearadh agus a mhà thair às a Leadaig. Bhà saich athair nuair nach robh Uilleam ach trì, a’ fà gail sianar a theaghlach . Bha guth math aig teaghlach a mhà thar agus ùidh aig Uilleam ann an ceòl is òrain bho bha e glè òg. Bha cuimhne shònraichte aige agus dh'ionnsaich e an t-uamhas bho mhà thair agus dh'ionnsaich e canntaireachd bho sheanair a bha na phìobaire.
Bha ùidh aig Uilleam ann am beathaichean bho aois òg cuideachd, gu h-à raid crodh, agus b’ ann am measg crodh bainne a bha e ag obair a’ mhòr chuid dha bheatha .
Ann an 1953 chaidh e a dh'obair ann an taigh-bainne ann an Inbhir Nis agus a sin choinnich e ri Doreen Nic na Ceà rdaich, nighean croitear à Gallaibh, a bha na banaltram anns a' bhaile. Phòs iad agus bha ceathrar nighean aca.
Thairis nam bliadhna, mar a bha e gluasad le obair, bha e na bhall de Chòisirean Ghà idhlig Inbhir Nis, Bhà ideanach, agus Inbhir Ùige agus a' teagasg agus a' cuideachadh sheinneadairean òga . Ann a 1971 aig a' Mhòd Nà iseanta ann a' Sruighlea, choisinn e Bonn Òr an t-Seann Nòis, farpais a chaidh a stèidheachadh a' bhliadhna sin fhèin. Thug sin e a sheinn a dh'Alba Nuadh, a dh’ Èirinn, a Lunnainn agus an tallaichean air feadh Alba. Ann a 1988 chaidh Crisdean Dillon a cheilidh air agus thòisich iad le aon dha na h-òrain a thog e bho mhà thar.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 28 May 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 May 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 May 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal