Main content
Sorry, this episode is not currently available

Jake Dòmhnallach

A' cuimhneachadh sàr Ghaidheal, Jake Dòmhnallach, agus ceud bliadhna bho rugadh e. Remembering the Gaelic educationalist, Jake MacDonald who was born 100 years ago.

Rugadh Jake Dòmhnallach, Seonaidh Ailig Sheòrais Mhòir, air an 23mh den Mhàigh 1920 ann an Camus Tianabhaig san Eilean Sgitheanach. Bha e os cionn Roinn na Gàidhlig aig Colaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu gus na leig a dheth a dhreuchd ann a 1978 's bha meas mòr air mar thidsear agus airson an obair mhòr a rinn e le luchd-teagasg na Gàidhlig. Dhealbhaich e cuideachd iomadach cùrsa cànain, leithid Gàidhlig Bheò. 'S e craoladair air leth a bh' ann agus bha fèill air na fhear an taighe aig ceilidhean.

Chaochail Jake ann a 1980 nuair a bhuail trèana ann agus a' gabhail aithghearr eòlach air a shlighe dhachaigh.

A' cuimhneachadh air tha na Sgitheanaich Calum Ros, Tormod Dòmhnallach, Fearchar Mac an Tòisich agus Lachaidh Robasdan; Magaidh Choineagan agus Catrìona NicGumeraid a bha nan oileanaich aige; Mina Nic a' Ghobhainn a bha na h-oileanach aige agus a bha às dèidh sin a' teagasg còmhla ris, agus an craoladair Iain MacAnndrais, a bha cuideachd a' teagasg còmhla ris.

Tha am prògram, bho 2000, air a thoirt thugaibh le Màrtainn Dòmhnallach.

30 minutes

Last on

Sun 24 May 2020 13:00

Broadcasts

  • Mon 18 May 2020 12:00
  • Mon 18 May 2020 22:00
  • Sun 24 May 2020 13:00