Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1081
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1081. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 8 Apr 2020
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 777
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1081
Duration: 05:00
Litir 1081: Am Brusach ann an Inbhir Nis
Tha ceist agam dhuibh. Cuin a nochd Rìgh na h-Alba ann an Inbhir Nis airson ainm a chur ri co-chòrdadh eadar-nà iseanta? Uill, tha e a’ dol air ais dhan bhliadhna trì cheud deug ʼs a dhà -dheug (1312). ʼS e Raibeart am Brusach a bh’ air rìgh-chathair na h-Alba. Bha Blà r Allt a’ Bhonnaich gu bhith ann dà bhliadhna an dèidh sin.
Ann an Litir ochd ceud, seachdad ’s a h-aon (871), dh’inns mi dhuibh mu Cho-chòrdadh Pheairt, a thug gu crìch an smachd a bh’ aig na Lochlannaich air ceann an iar-thuath na h-Alba – agus sgìrean is eileanan deas gu Eilean Mhanainn. Chaidh an t-aonta a tharraing ri chèile le riochdairean aig Nirribhidh agus Alba ann am Peairt anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad ’s a sia (1266).Â
Bha sin trì bliadhna an dèidh Cath na Leargaidh Ghallta eadar Nirribhidh agus Alba. Bha Alasdair III na rìgh aig Alba aig an à m sin. A rèir an aonta, bhiodh Alba a’ pà igheadh sùim de cheithir mìle marg agus an uair sin ceud marg gach bliadhna – agus gheibheadh i smachd air tìrean nan Lochlannach ann an Alba, agus faisg air Alba, ach a-mhà in Arcaibh is Sealtainn. A bharrachd air sin, bha aonta ann a thaobh mar a bhiodh dìon is còraichean aig maraichean Lochlannach a chailleadh an soitheach mar long-bhriseadh far cladaichean na h-Alba.Â
Ach cha b’ e sin deireadh an sgeòil airson Co-chòrdadh Pheairt, a bha eadar Alasdair agus Rìgh Nirribhidh, Mà nas IV. Chaidh a dhaingneachadh ann an Inbhir Nis nuair a bha am Brusach air an rìgh-chathair. Bha an Rìgh fhèin an là thair airson ainm a chur ris an sgrìobhainn.Â
Tha dreach dhen aonta – air eadar-theangachadh gu Beurla – anns an leabhar Invernessiana, a chaidh a chur ri chèile le Teà rlach Friseal Mac an Tòisich. Thà inig an dà thaobh ri chèile air an latha mu dheireadh dhen Dà mhair ann an trì cheud deug is dhà -dheug (1312). Ann an sgioba na h-Alba, a bharrachd air an rìgh, bha co-dhiù ceathrar easbaigean – Obar Dheathain, Mhoireibh, Rois is Ghallaibh. Agus bha co-dhiù triùir iarlan ann – Rois, Athall is Mhoireibh. Ciamar a tha fios againn air sin? Uill, tha iad uile air an ainmeachadh anns an sgrìobhainn. Chuir iad an seulachan pearsanta rithe.
Cha robh Rìgh Nirribhidh, Håkon V, an là thair, ge-tà . Bha e air a riochdachadh le à rd-easbaig, dithis easbaigean, iarla agus dithis bharan. Tha Friseal-Mac an Tòisich a’ sgrìobhadh nach robh riamh coinneamh cho cudromach, a bha ag amas air gnothach sìtheil, ann an Inbhir Nis. Bha e a’ sgrìobhadh mus robh coinneamh Caibineat na Rìoghachd Aonaichte air a cumail ann am prìomh bhaile na Gà idhealtachd ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a h-aon (1921) – airson bruidhinn air suidheachadh na h-Èireann. Ach, eadhon le sin, dh’fhaodamaid a rà dh gu bheil beachd Fhriseil-Mhic an Tòisich fhathast ceart.
Cha deach an t-aonta atharrachadh. Dhearbh am Brusach gun cumadh Alba ris na dleastanasan aice. Bhiodh i a’ cur ceud marg a h-uile bliadhna gu sìorraidh gu Rìgh Nirribhidh agus oighrean. Bhiodh an t-airgead air a thoirt seachad air Fèill Eòin ann an Eaglais an Naoimh Mhà nais ann am Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh – tìr a bhuineadh do Rìgh Nirribhidh.Â
A bheil sin a’ ciallachadh gum bi Alba fhathast a’ cur sùim co-ionann ri ceud marg gu Nirribhidh gach bliadhna? Bheir sinn sùil air sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Blà r Allt a’ Bhonnaich: The Battle of Bannockburn; Co-chòrdadh Pheairt: The Treaty of Perth; Cath na Leargaidh Ghallta: The Battle of Largs; Alasdair III: Alexander III; Mà nas: Magnus; sgrìobhainn: document; gu sìorraidh: forever; oighrean: [his] descendants; Fèill Eòin: the feast-day of St John.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: airson ainm a chur ri co-chòrdadh eadar-nà iseanta: to put his name to an international treaty; ʼs e Raibeart am Brusach a bh’ air rìgh-chathair na h-Alba: it’s Robert the Bruce that was on the throne of Scotland; a thug gu crìch an smachd a bh’ aig na Lochlannaich: that brought to an end the Scandinavian control; deas gu Eilean Mhanainn: south to the Isle of Man; bhiodh Alba a’ pà igheadh sùim de cheithir mìle marg: Scotland would pay a sum of four thousand merks; ach a-mhà in Arcaibh is Sealtainn: except for Orkney and Shetland; a thaobh mar a bhiodh dìon is còraichean aig maraichean Lochlannach: how Scandinavian mariners would have protection and rights; a chailleadh an soitheach mar long-bhriseadh far cladaichean na h-Alba: that lost their vessel as a shipwreck off the shores of Scotland; deireadh an sgeòil: the end of the story; an latha mu dheireadh dhen Dà mhair: the last day of October; ceathrar easbaigean – Obar Dheathain, Mhoireibh, Rois is Ghallaibh: four bishops – of Aberdeen, Moray, Ross and Caithness; chuir iad an seulachan pearsanta rithe: they put their personal seals on it; air a riochdachadh le à rd-easbaig: represented by an archbishop; mus robh coinneamh Caibineat na Rìoghachd Aonaichte air a cumail ann am prìomh bhaile na Gà idhealtachd: before the meeting of the UK cabinet was held in the Highland capital; eadhon le sin, dh’fhaodamaid a rà dh: even with that, we might say; dhearbh X gun cumadh Alba ris na dleastanasan aice: X confirmed that Scotland would meet its obligations; Eaglais an Naoimh Mhà nais ann am Baile na h-Eaglaise: the Church of St Magnus in Kirkwall.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: beachd Fhriseil-Mhic an Tòisich: The double-barrelled surname Friseal-Mac an Tòisich (Fraser-Mackintosh) would be traditionally genitivised by genitivising each component of the compound. Friseal becomes Fhriseil and Mac an Tòisich becomes Mhic an Tòisich. However, such norms are less strictly adhered to today, and many people would use the nominative form of such a complex name as the genitive (or use the anglicised form). I have heard people refer to the famous naturalist, Frank Fraser Darling (no hyphen), who lived in the Highlands for many years, as ‘Fhriseil Darling’ in the genitive eg leabhar Fhriseil Darling ‘Fraser Darling’s book’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a chaidh a chur ri chèile: that was compiled, drawn together.
Broadcasts
- Sun 5 Apr 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Apr 2020 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.