Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche

Seirbheis còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service with D J Morrison, Evangelist, Free Church Continuing, Inverness.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 04: 7-8 air fonn London New agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 89: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Murchadh Crìsdean MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.

Leughadh: Gnàth-Fhacail 14: 12-35
Ceann-teagaisg : Gnàth-Fhacail 14: 12

'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheàrr dha na Hearadh."

Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.

Mus deach e gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson 5 bliadhna. Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad 3 bliadhna.

Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le càr far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phàirt dhan obair aige, bidh e siubhail gu diofar sgìrean ann an Alba agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric, 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 8 Mar 2020 09:00
  • Sun 8 Mar 2020 15:00