Mà idsear na Pìoba Dòmhnall Beag MacLeòid à Leòdhas
Sgeulachd Mà idsear na Pìoba Dòmhnall Beag MacLeòid à Leòdhas. Jo MacDonald profiles Pipe Major Donald MacLeod.
Rugadh Mà idsear na Pìoba Dòmhnall MacLeòid ann an Steòrnabhagh ann an 1916. Tha e coltach gun do thòisich e air an fheadan ’s gun e ach ceithir bliadhna a dh’aois. Dà bhliadhna an dèidh sin bha Dòmhnall òg a’ faighinn teagasg bho Uilleam Ros, pìobaire ainmeil a bha a’ cumail chlasaichean sna h-eileanan bho à m gu à m. Bha e cuideachd a’ faighinn oideachadh bhon fhear-teagasg cliùiteach, Iain Dòmhnallach Inbhir Nis agus chùm e a’ dol thuige fad còig bliadhna fichead.
Chruthaich Dòmhnall cuid de na puirt pìoba as ainmeile agus an ceòlmhoire a chaidh a dhèanamh a-riamh agus choisinn e na duaisean a b’ à irde airson a chuid cluiche.
A h-uile bliadhna bho 1984 tha farpais cuimhneachaidh Dhòmhnaill MhicLeòid a’ gabhail à ite ann an Steòrnabhagh; farpais a tha na pìobairearan as cliùitiche a' frithealadh.
Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri feadhainn a chuir eòlas air Dòmhnall ann an diofar dhòighean, bhon ùine a chuir e seachad mar phìobaire airm, mar fhear-teagaisg pìobaireachd agus mar charaid.
Last on
More episodes
Next
You are at the last episode
Clip
Broadcasts
- Tue 11 Feb 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 11 Feb 2020 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Feb 2020 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 12 May 2022 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 May 2022 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal