Chaidh U33 a chuir fodha ann an Linne Chluaidh bho chionn 80 bliadhna
Chaidh U33 a chuir fodha ann an Linne Chluaidh bho chionn 80 bliadhna. It's 80 years since a U33 was sunk in the Firth of Clyde. bbc.co.uk/coinneach
Tha ceithir fichead bliadhna ann bho chaidh am bata-aigeil Gearmailteach U33 a chuir fodha ann an Linne Chluaidh. B' e tachartas cudromach a bh' ann a thaobh eachdraidh an Dà rna Cogaidh oir chaidh uidheamachd a' lorg air seòladair a thà inig aiste beò a bha deatamach ann a bhith a' briseadh còd an t-inneal dìomhair Enigma. Cluinnear iomradh air na thachair bho Iain MacAmhlaigh.
Thèid rannsachadh sònraichte a' dhèanamh air a' ghrèin leis an sgrùdaire-fà nais Solar Orbiter agus 's ann an t-seachdain ‘sa fhèin a' thog an rocaid a tha ga ghiùlain suas chun na speuran. Thathar ag amas tuigse nas fheà rr fhaighinn air an rionnag as fhaisg oirnn agus a’ bhuaidh a th' aige air a’ chruinne-cè. Innsidh Iain MacIlleathain an tuilleadh mun iomairt agus an teicneolas a tha na lùib.
Chuir ughdarrasan Berlin casg air à rdachadh mal thaigheadais airson an ath chòig bliadhna ri linn gearainean agus draghan gu robh e a' fàs ro dhaor do dhaoine a bhi a' fuireach anns a’ bhaile. Se adhbhar connspaid a th'ann agus tha Michael Klevenhaus gu bhith a' mìneachadh na beachdan eadar-dhealaichte a th'aig muinntir na sgìre.
Agus tha Aonghas PÃ draig Caimbeul air ais le cunntas eile air na bha dol air an t-seachdain seo ann an eachdraidh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 11 Feb 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 11 Feb 2020 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal