Main content
Sorry, this episode is not currently available

Màiri Anna Cheanadach à Liùrbost, Leòdhas

Sgeulachd tè a bha na prìosanach aig Iapan ann a Shanghai aig àm an Dàrna Cogaidh. A survivor's story of internment in Shanghai during World War Two.

Nuair a fhuair Màiri Anna NicAoidh obair na tidsear ann an Liùurbost sna 1920an chuir i sùil ann a fear de bhalaich a’ bhaile sin, Iain Aonghas Ceanadach. Às dèidh dhàsan faighinn air a’ phoileas ann a Shanghai ann a Sìona ann a 1928, mar a rinn grunn Bhreatannaich, chaidh i a-mach còmhla ris a sin agus phòs iad ann a 1934.

Nise, ann a 1931 bha Iapan air pìos de cheann an iar-thuath Shionai a ghabhail a-null agus lean bliadhnaichean de shabaisd às dèidh sin. Bha Ameireagaidh an aghaidh mar a bha Iapan a’ gabhail thairis dùthachannanan Asia agus an dèidh na h-ionnsaigh a thug iad air Pearl Harbour ann an 1941 ‘s a thòisich an cogadh sa Phacific , thug Iapan coigrich a bh’ ann a Shanghai nam prìosanaich ann a 1943. Bha Mairi Anna agus John Angus nam measg agus mun àm sin bha dithis mhac aca, Murchadh agus Iain, a bha fo aois sgoile.

Seo an còmhradh a bh’ eadar Eachann Dòmhnallach, ‘Aimsir Eachainn’ a bhiodh a sgrìobhadh colbhan eirmseach ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich agus Màiri Anna Cheanadach ann an 1988.

30 minutes

Màiri Anna Cheanadach

Màiri Anna Cheanadach

Broadcasts

  • Thu 23 Jan 2020 12:00
  • Thu 23 Jan 2020 22:00
  • Sun 26 Jan 2020 09:30