Main content
Sorry, this episode is not currently available

Màidsear na Pìoba Seonaidh ‘Roidein’ Dòmhnallach à Uibhist a Deas

Sgeulachd Màidsear na Pìoba Seonaidh ‘Roidein’ Dòmhnallach à Uibhist a Deas. Jo MacDonald profiles PM Seonaidh ‘Roidein’ MacDonald from South Uist.

Rugadh Seonaidh ‘Roidein’ Dòmhnallach ann an 1898 ann an Dalabrog, Uibhist a Deas.
Fhuair e fhèin agus a bhràthair, Ruaraidh teagasg bhon athar, Roidein, a bha air a bhith na phìobaire as a’ mhailisidh. Fhuair e cuideachd teagasg bhon phìobaire ainmeil Iain Dòmhnallach à Inbhir Nis.
Greis as dèidh dha an t-arm fhàgail aig deireadh a’ Chiad Chogaidh chaidh Seonaidh air a’ phoileas ann an Glaschu agus fhuair e àite ann an còmhlan ainmeil Uilleim Grey, a bha na Mhàidsear Pìoba air Còmhlan Phìobairean Phoilis Ghlaschu.
As na bliadhnaichean eadar an dà chogadh mhòr, bhuinnig Còmhlan Phìobairean Phoilis Ghlaschu Farpais na Cruinne ceithir tursan an sreath a chèile. Ann an 1926 choisinn e am Bonn Òir ann an Inbhir Nis agus anns an t-Òban. Nuair a leig Grey dheth a dhreuchd b’ e Seonaidh a ghabh àite Grey mar Mhàidsear na Pìoba, dreuchd a bh’ aige fad còig bliadhna fichead.
Mun àm a leig Seonaidh dheth a dhreuchd mar Inspector anns na Poilis bha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar aon de na pìobairean a b’ fhèarr san t-saoghal agus thill e dhachaigh a dh’ Uibhist, gu Burnside Cottage, dachaigh an teaghlaich. Rinn Iseabail T NicDhòmhnaill, nighean bràthair Sheonaidh clàradh dheth a’ cluich port air ainmeachach às dèidh an taighe sin mus deach e na theine. Cha deach am port no an clàradh a chluinntinn le duine eile gu ruige seo. Roghnaich Iseabail gun ionnsaicheadh i am port don phìobaire òg Uibhisteach, Seonaidh Mac an t-Saoir. Anns a' phrògram seo le Jo NicDhòmhnaill cluinnear Seonaidh Mac an t-Saoir a’ cluich port Sheonaidh Roidein, Burnside Cottage airson a' chiad uair.

30 minutes

Last on

Sun 10 Apr 2022 10:30

Broadcasts

  • Tue 7 Jan 2020 12:00
  • Tue 7 Jan 2020 22:00
  • Sun 12 Jan 2020 10:00
  • Thu 7 Apr 2022 15:30
  • Sun 10 Apr 2022 10:30