Main content
Sorry, this episode is not currently available

Veganuary

Cluinnidh sinn beachdan sgoilearan à Inbhir Nis agus Glaschu air Veganuary. Inverness and Glasgow school pupils with their views on Veganuary. bbc.co.uk/aileag

Glè thric aig tòiseach bliadhna ùr bidh sinn a cuir rùintean sònraichte romhainn fhìn leithid tòiseachadh air eacarsaich agus iomadh rud eile.

Ach 's e am Faoilleach cuideachd toiseach fasan ris an canar Veganuary, far a bheil mòran dhaoine dìreach ag ithe planntraisean fad na mìos. 'S e cupall ann an Ameireaga a thòisich seo ann an dà mhìle sa ceithir deug, airson daoine a bhrosnachadh gus veganism fheuchainn.

Tha prògram sònraichte aig Raoinead dhuibh air an dearbh chuspair. bbc.co.uk/aileag

57 minutes

Last on

Sat 21 Mar 2020 12:00

Paidhean Vegan

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô

500g butternut squash

2 spàin bùird ola chruinn ola

1 uinnean

2 phìos creamh

½ spàin-tì tiolaidh

½ spàin-tì cumin

1 spàin-tì taois harissa 

100g mince vegan

400g cearc-pheasairean gun sùgh (chickpeas)

300ml sabhs glasraich

100g kale no cavolo nero

500g pastraidh vegan

2 spàin-bhùird bainne soya

Beagan salainn agus piobar

¶Ùò¾±²µ³ó

An toiseach teasaich an àmhainn gu 200C/180C airson fan / Comharra gas 6

Deasaich am butternut squash agus geàrr na phìosan beaga. Cuir air treidhe bèicearachd agus crath beagan ola, salainn agus piobar orra. Le cuideachadh bho inbheach cuir seo dhan àmhainn airson mu 30 mionaid. Feumar na pìosan a thionndadh mu letheach slighe tron ùine sin. Feumaidh an squash a bhith bog le dath donn air.

Le taic bho inbheach a-rithist, geàrr an t-uinnean agus cuir ann am pana agus fraighig airson mu 5 mionaidean agus an uair sin cuir a-steach an creamh, an tiolaidh, an cumin agus an taois harissa agus bruich airson mu mhionaid eile. Cuir am mince na cheann agus fàg aig teas meadhanach e airson mu 4 mionaidean.  

Cuir na cearc-pheasairean, an squash agus an sabhs glasraich ann agus fàg e gus am bi leth den sabhs air sùghadh a-steach dhan mheasgachadh. Bheir seo co-dhiù 10 mionaidean.

Cuir an kale na cheann agus nuair a tha sin bruich, fàg am measgachadh gus am fuaraich e.  

Fhad ‘s a tha sin a’ tachairt, faodaidh sibh am pastraidh a dheasachadh.  

Feumaidh e bhith mu 3mm tiugh agus air a ghearradh ann an ceàrnagan mu 12 ceudametair gach taobh.  

Cuir spàin den mheasgachadh anns gach ceàrnag agus cuir rud beag uisge timcheall na h-oirean. An uair sin paisg am pastraidh gus triantan a dhèanamh.  

Cuir na paidhean air treidhe agus còmhdaich le rud beag bainne soya. Cuir dhan àmhainn iad airson mu 25 mionaid gus am bi am pastraidh donn. Faodaidh sibh an ithe teth no fuar.   

Piotsa Vegan

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

200g flùr làidir arain 

1½ spàin-tì beirm tioram

1 spàin-tì siùcar caster

1 spàin-tì salann

125ml uisge blàth

Rud beag ola chruinn ola

Airson a chuir air uachdar a’ phiotsa, faodaidh sibh glasraich sam bith a chleachdadh fhad ‘s a tha iad air an gearradh tana. 

Chleachd sinne:

1 uinnean beag

2 phìos creamh

400g cana tomàtothan

½ piobar dearg no buidhe air a ghearradh

½ courgette

100g balgain-buachair

Salainn agus piobar

¶Ùò¾±²µ³ó

An toiseach feumaidh sibh an taois a dhèanamh. Cuir am flùr, siùcar, beirm agus salainn ann am bobhla mòr. Cuir an t-uisge a-steach agus measgaich còmhla le spàin fhiodh gus an tig e uile còmhla. Bidh e caran steigeach an toiseach ach feumaidh sibh obrachadh leis an taois airson mu 5 mionaidean. Cuir air ais dhan bhobhla e agus còmhdaich le cling film agus fàg airson mu uair a thìde gus am fàs e a dhà uiread.  

Fhad ‘s a tha sin ag èirigh faodaidh sibh an sabhs tomàto a dheasachadh.  

Le taic bho inbheach, cuir dà spàin ola dhan phana agus fraighig an t-uinnean aig teas ìosal airson mu 5 mionaidean. Cuir an creamh a-steach aig a’ mhionaid mu dheireadh. Cuir na tomàtothan dhan phana agus spìosradh sam bith a tha sibh ag iarraidh agus fàg aig teas meadhanach àrd airson mu 8-10 mionaidean gus am bi e tiugh.

Nuair a tha an taois deiseil roghnaich na dhà leth agus a’ cleachdadh rolair agus flùr, rolaig a-mach na pìosan gus am bi iad mu 25 ceudameatair cruinn – nas motha ma tha sibh ag iarraidh piotsa tana.  

Cuir air treidhe fa leth iad agus còmhdaich le sabhs tomàto. Fàg na h-oirean bàn. Feumaidh sibh am fàgail airson mu 30 mionaid eile a-nise.  

Teasaich an àmhainn gu 240C/220C fan no Comharra Gas 8.  

Cuir na pìosan piobar, balgain-buachair agus courgette air muin gach piotsa agus cuir dhan àmhainn airson mu 9-10 mionaidean.  

Ma tha sibh a' cur an dà phiotsa dhan àmhainn aig an aon àm, is dòcha gum feum sibh am piotsa gu h-ìosal fhàgail greiseag nas fhaide. 

Vegan Cupcakes

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

350ml bainne soya

1 spàin-bhùird fìon geur cider ùbhlan

330g siùcar caster

100g dairy free spread

300g flùr plèan

1 spàin-tì sòda bicarbonate 

80g fùdar còco

½ spàin-tì cofaidh

½ spàin-tì salainn

Airson an siùcar còmhdachaidh:

75g fùdar còco

500g siùcar còmhdachaidh

100g dairy free spread

125g bainne soya 

¶Ùò¾±²µ³ó:

An toiseach teasaich an àmhainn gu 180C/160C fan no Comharra Gas 4.

Measgaich am bainne soya agus am fìon geur ann an siuga agus fàg gu aon taobh.

Cuir mun cuairt an siùcar agus an dairy free spread ann am bobhla le whisk làimhe gus am bi e mìn agus fàg gu aon taobh cuideachd.

Cuir am flùr, an sòda bicarbonate agus am fùdar còco tro shìoltachan a’ glacadh nan grìtheidean ann am bobhla mòr. Cuir a’ chofaidh agus an salainn ris agus dèan cinnteach gu bheil a h-uile càil air a mheasgachadh gu math.  

Cuir na grìtheidean tioram a-steach dhan mheasgachadh siùcair agus cuir ris am measgachadh bhainne agus cuir mun cuairt còmhla le spàin fhiodh.  

Cleachd spàin meadhanach mòr airson pàirt dhen mheasgachadh a chuir dha na cèisean. Na cuir cus ann ge-tà oir èirigh iad san àmhainn.

Cuir dhan àmhainn airson mu 25 mionaid. Nuair a tha iad bruich fàg anns an treidhe gus am fuaraich iad.

An siùcar còmhdachaidh.

Cleachd whisk gus an siùcar còmhdachaidh, am fùdar còco agus an dairy free spread a mheasgachadh. Dòirt a-steach am bainne beag air bheag gus am bi na grìtheidean air a thighinn còmhla.  

Nuair a tha na cèicichean fuar, cuir spàin den t-siùcar còmhdachaidh air muin gach cèic agus cleachd sgian airson a dhèanamh còmhnard no cleachd baga pìobachaidh ma tha sibh airson.

Broadcasts

  • Fri 10 Jan 2020 14:00
  • Sat 11 Jan 2020 12:00
  • Fri 20 Mar 2020 14:00
  • Sat 21 Mar 2020 12:00