Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1068
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1068. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 8 Jan 2020
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 764
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1068
Duration: 05:00
Litir 1068: Foirgheall Obar Bhrothaig
Bliadhna Mhath Ùr dhuibh. Tha mi a’ dol a thòiseachadh le ceistean mu sheann rìghrean na h-Alba. Cò an t-aon Rìgh Albannach a th’ air ainmeachadh anns a’ Mhagna Carta – an sgrìobhainn chudromach Shasannach? Cò an t-aon Rìgh Albannach a thug armailt mhòr leis gu ruige cladach a deas Shasainn? Agus cò an t-aon Rìgh Albannach a chaochail ann an Eilean Chearrara, faisg air an Òban?
Uill, ʼs e a aon duine a bh’ anns na trì – Rìgh Alasdair II no Alasdair mac Uilleim ʼic Eanraig ʼic Dhaibhidh. Ghabh e an rìgh-chathair ann an dà cheud deug is ceithir-deug (1214). Nuair a bha e fhathast na dheugaire, thug e armailt Albannach leis thar crìoch Shasainn airson taic a thoirt do na h-uaislean Sasannach an aghaidh Rìgh Iain. Bha e an dòchas fearann fhaighinn ann an ceann an ear-thuath Shasainn.Ìý
Cha do thachair e, ge-tà . Rà inig Alasdair Dòbhair ach dh’atharraich cùisean gu poilitigeach ann an Sasainn, agus thill e dhachaigh gun duais. Thug e sùil an uair sin air na tìrean Albannach a bha fo smachd nan Lochlannach air an taobh an iar. Thug e Earra-Ghà idheal fo smachd na h-Alba. Bha e ag iomairt an aghaidh nan Lochlannach anns na h-eileanan nuair a chaochail e, ann an Cearrara, ann an dà cheud deug, ceathrad ʼs a naoi (1249).
Bliadhnaichean roimhe sin, nuair a bha Alasdair ann an Sasainn, thà inig uaislean Shasainn agus Rìgh Iain còmhla airson am Magna Carta a chruthachadh – sgrìobhainn a bha a’ daingneachadh chòraichean nam baran. Agus tha an Rìgh Albannach air ainmeachadh ann. A thaobh nan giall Albannach – cà irdean aig Alasdair – a bh’ air an cumail an grèim ann an Sasainn, bhite a’ dèiligeadh riutha anns an aon dòigh ri barain Shasainn fhèin, tha am Magna Carta ag rà dh.Ìý
Bha mi a’ beachdachadh air a’ Mhagna Carta oir bha m’ aire air sgrìobhainn eile – Foirgheall Obair Bhrothaig – The Declaration of Arbroath. Am measg muinntir Bhreatainn, tha am Magna Carta gu math aithnichte is cliùmhor. Eadhon ann an Alba, chan eil Foirgheall Obar Bhrothaig idir cho aithnichte ris.
Ach tha dùil agam gun atharraich sin am-bliadhna, oir bithear a’ comharrachadh seachd ceud bliadhna on a chaidh Foirgheall Obar Bhrothaig a chur don Phà p ann an Avignon.
Sgrìobh mi mu dheidhinn Foirgheall Obar Bhrothaig ann an Litrichean 649 agus 650. Chan eil mi airson cus a bharrachd a rà dh an-diugh, ach gu bheil mi an dòchas gum bi e a cheart cho aithnichte ris a’ Mhagna Carta mus bi a’ bhliadhna a-mach. Agus carson nach bitheadh? Chan eil foirgheall nas cudromaiche againn. Tha e a’ seasamh mar thaisbeanadh de shaorsa is neo-eisimeileachd. Agus tha e a’ dearbhadh gun robh na h-Albannaich o shean dhen bheachd gun robh rìgh a’ riaghladh a-mhà in le cead an t-sluaigh.
Tron bhliadhna, ann an Obar Bhrothaig, bidh tòrr a’ dol mar chuimhneachan air. Am measg sin, bidh caismeachd de cheudan dhaoine a choinnicheas ri cabhlach bhà taichean aig a’ chala. Bithear a’ leughadh dreach ùr dhen Fhoirgheall agus bithear a’ cur lethbhreac ùr dheth gu muir, dìreach mar a thachair o chionn seachd ceud bliadhna. Cuiridh e iongnadh orm mura bi Ameireaganach no dhà ann, oir tha cuid dhen bheachd gun robh Foirgheall Obar Bhrothaig am measg nan sgrìobhainnean air an robh luchd-stèidhichidh nan Stà itean Aonaichte a’ beachdachadh nuair a sgrìobh iad am Foirgheall Neo-eisimeileachd aca fhèin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: rìgh-chathair: throne; deugaire: teenager; Dòbhair: Dover; Foirgheall Obair Bhrothaig: The Declaration of Arbroath; aithnichte: recognised, known; cliùmhor: renowned; lethbhreac: copy.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bliadhna Mhath Ùr dhuibh: Happy New Year [to you]; cò an t-aon Rìgh Albannach a thug armailt mhòr leis gu ruige cladach a deas Shasainn?: who is the one Scottish king who took a large army with him to the south coast of England?; a chaochail ann an Eilean Chearrara: who died on the Island of Kerrera; an dòchas fearann fhaighinn ann an ceann an ear-thuath Shasainn: hoping to gain land in the north-east of England; na tìrean Albannach a bha fo smachd nan Lochlannach air an taobh an iar: the Scottish lands that were under the control of the Scandinavians in the west; thà inig uaislean Shasainn agus Rìgh Iain còmhla airson X a chruthachadh: the nobles of England and King John came together to create X; sgrìobhainn a bha a’ daingneachadh chòraichean nam baran: a document that was reinforcing the rights of the barons; a thaobh nan giall Albannach: with regard to the Scottish hostages; bhite a’ dèiligeadh riutha anns an aon dòigh ri barain Shasainn fhèin: they would be dealt with in the same way as the barons of England; tha dùil agam gun atharraich sin am-bliadhna: I expect that will change this year; oir bithear a’ comharrachadh seachd ceud bliadhna: seven hundred years will be commemorated; mar thaisbeanadh de shaorsa is neo-eisimeileachd: as a manifestation of freedom and independence; gun robh rìgh a’ riaghladh a-mhà in le cead an t-sluaigh: that a king only reigned with the permission of the people; bidh caismeachd de cheudan dhaoine a choinnicheas ri cabhlach bhà taichean aig a’ chala: there will be a march of hundreds of people who will meet a fleet of boats at the harbour; cuiridh e iongnadh orm mura bi Ameireaganach no dhà ann: I’d [I will] be surprised if they are not an American or two present; air an robh luchd-stèidhichidh nan Stà itean Aonaichte a’ beachdachadh nuair a sgrìobh iad am Foirgheall Neo-eisimeileachd aca fhèin: of which the founders of the United States were thinking when they wrote their own Declaration of Independence.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: carson nach bitheadh?: why wouldn’t it be? The normal spelling of the conditional verbal form of ‘bi’ (the verb ‘to be’) is biodh, except when we emphasise it, and give the emphatic pronunciation [BEE-ugh]. Then it is spelt bitheadh.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mus bi a’ bhliadhna a-mach: before the year is out.
Broadcasts
- Sun 5 Jan 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Jan 2020 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.