Main content
Sorry, this episode is not currently available

Criosaidh NicNèill, Criosaidh Denny à Barraigh - Prògram 1

Criosaidh NicNèill, NicDhòmhnaill, Denny neo Curlag – chan e h-ainm a bha cudromach ach a guth seinn. Chrissie MacNeil, MacDonald, Denny or Curlag from Barra tells her life story.

‘S e bliadhna shònraichte a tha air a bhith ann an 2019 do Chriosaidh NicNèill neo Criosaidh Denny à Barraigh. Bha an guth seinn aig Criosaidh NicNèill am measg nan guthan seinn bu chliùitich a thàinig a-mach à Barraigh; bhuannaich i farpaisean seinn san t-seann nòis, chan e a-mhàin aon turas ach dà thuras aig a’ Mhòd Nàiseanta, an Scotia Trophy agus Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Thairis air na bliadhnaichean tha i air òrain is dualchas an eilein a chumail beò tron t-seinn agus an tron eòlas aice fhèin.

Gu mì-fhortanach cha chluinn sinn an guth seinn aice an-diugh ach air clàraidhean a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean agus ‘s math gu bheil gu leòr dhiubh sin ann. Ged nach bi i fhèin a’ seinn tha i gu mòr a’ toirt taic do dh’ òigridh an eilein ann a bhith gam brosnachadh agus a’ toirt taic dhaibh nuair a thig e gu bhith seinn òrain Ghàidhlig.

Anns an t-sreath ghoirid seo fhuair Angela NicFhionghuin còmhradh ri Criosaidh na dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Bha Criosaidh air leth fortanach na h-òige oir thogadh i ann am baile a bha dha-rìribh beartach a thaobh òrain is dualchas agus le guth seinn àlainn aice fhèin b' e buannachd air leth a bha seo dhith. Anns a' chiad phrògram tha Criosaidh a’ coimhead air ais air làithean a h-òige, na seinneadairean a bh’ anns an sgìre, na cèilidhean agus na tidsearan ciùil a bh’ aice airson a brosnachadh chun àrd-ùrlar.

30 minutes

Clip

Broadcasts

  • Tue 10 Dec 2019 12:00
  • Tue 10 Dec 2019 22:00
  • Sun 15 Dec 2019 10:00