Main content
Sorry, this episode is not currently available

Clàran Nollaig ùr

A-measg na th' aig Raonaid an-diugh:

Eachdraidh cnacairean Nollaig, am biadh is fheàrr leibh mun àm seo bhliadhna, clàran Nollaig ùr agus ceòl eile nam measg. bbc.co.uk/aileag

57 minutes

Last on

Sat 14 Dec 2019 12:00

"Cupcakes" rèin-fhiadh

"Cupcakes" rèin-fhiadh

"Cupcakes" rèin-fhiadh

Airson "cupcakes" rèin-fhiadh a dhèanamh, feumaidh sibh an toiseach cèicean seòclaid a dhèanamh.  

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

170g flùr self raising

140g ìm (no margarain)

115g siùcar

3 spàin-bhùird bainne

2 spàin-bhùird pùdar còco

2 ugh

¶Ùò¾±²µ³ó:

Teasaich an àmhainn gu 180C. 

Measgaich a h-uile càil còmhla ann am bobhla mòr agus an uair sin roghnaich iad eadar dusan cèis cupcake. 

Cuir dhan àmhainn iad airson deich mionaidean. Mura bheil iad deiseil faodaidh sibh am fàgail greis eile – dìreach mionaid no dhà a bharrachd. Feumaidh sibh taic fhaighinn bho inbheach airson seo a dhèanamh. Thoir a-mach às an àmhainn iad agus fàg gu aon taobh iad gus am fuaraich iad.

Cuideachd airson an sgeadachadh, feumaidh sibh briosgaidean beaga. Faodaidh sibh feadhainn a cheannach no cleachd an reasabaidh sìmplidh seo airson aran-milis.

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

115g ìm no margarain

60g siùcar còmhdachaidh

115g flùr plèan

60g cornflour

¶Ùò¾±²µ³ó:

Measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhdachaidh còmhla agus an uair sin cuir am flùr plèan agus an cornflour a-steach agus measgaich còmhla gus am bi e na chnap taois. Cuir còmhdach plastaig timcheall air agus cuir dhan frids e airson greiseag gus am fuaraich e. Nuair a tha e fuar, rolaig a-mach an taois gus am bi e mu cheudametair tiugh. An uair sin, cleachd gearradair cruinn, no glainne bheag gus cumadh cearcail aran-milis a thoirt orra. Feumaidh sibh co-dhiù naoi ma tha sibh airson na rèin-fhiadh aig Bodach na Nollaig a dhèanamh. Cuir dhan àmhainn aig ìre 130C airson mu leth-uair an uaireadair, gus am bi dàth òr orra. Nuair a tha iad deiseil, iarr air inbheach an toirt a-mach às an àmhainn agus cuir air treidhe uèir iad airson fuarachadh.

Airson na sgeadaichean eile, feumaidh sibh:

Pretzels (airson na cabair)

Suiteis cruinn airson na sròinean – mar eiseimpleir Smarties no M & M’s donn agus dearg

Sùilean a ghabhas ithe.

Siùcar còmhdachaidh seòclaid.

Airson an siùcar còmhdachaidh seòclaid cleachd:

200g ìm bog

400g siùcar còmhdachaidh

2 spàin-bhùird fùdar còco 

1 spàin-bhùird bainne

¶Ùò¾±²µ³ó:

Measgaich a h-uile càil còmhla ann am bobhla agus ma tha e ro thiugh, cleachd am bainne gus am measgachadh a chumail bog.

Nise an rud as fheàrr, na "cupcakes" a sgeadachadh.  

Cuir an siùcar còmhdachaidh seòclaid air feadh na "cupcakes". Chan fheum e a bhith ro sgiobalta oir tha thu a’ cur rudan eile ris.

An uair sin, cuir briosgaidean beaga am meadhan an t-siùcair còmhdachaidh.  

Cleachd rud beag dhen t-siùcar còmhdachaidh airson na sròinean a chuir air nam briosgaidean. 

An uair sin, cuir dà "phretzel" ri taobh a chèile airson na cabair. 

Cleachd rud beag siùcar còmhdachaidh a-rithist airson sùil a chuir air bonn gach pretzel gus am bi iad coltach ri rèin-fhiadh.  

Feumaidh sibh ochd le sròinean donn agus aon le sròn dearg airson ‘s gum bi iad coltach ri Rudolph còir agus na caraidean aige.

Broadcasts

  • Fri 13 Dec 2019 14:00
  • Sat 14 Dec 2019 12:00