Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Sràid nan Granndach 2/2

2/2 Seirbheis bho 1992 còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Sràid nan Granndach, Glaschu. Gaelic archive service with Rev D MacLeod, Grant Street Free Church (1992).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 130: 7-8 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.

Salm31: 23-24 air fonn Bangor agus ‘s e Tormod MacIllÌosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach.

Leughadh: 2 Tesalonianaich 2: 1-17
Ceann-teagaisg : 2 Tesalonianaich 2: 16

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgiathanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh' Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thàinig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999. Tha e an-diugh a' fuireach ann an Eilean Arainn.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 24 Nov 2019 21:00