Obair Choimisean Uaighean Cogaidh a' Cho-Fhlaitheis
Obair leantainneach Coimisean Uaighean Cogaidh a' Cho-fhlaitheis. The continuing work of the Commonwealth War Graves Commission.
An-diugh, fios mun obair leantainneach a tha Coimisean Uaighean Cogaidh a' Cho-fhlaitheis a’ dèanamh. Tha uallach orra airson còrr agus millean clach-uaighe agus carragh-cuimhne ann an 154 dùthaich air feadh an t-saoghail. Tha còrr agus 13,000 là rach anns an Rìoghachd Aonaichte a-mhà in. Innsidh Dòmhnall Mà rtainn mu eachdraidh a' Choimisein agus na h-à itichean eadar-dhealaichte far a bheil uaighean rin lorg.
Chaidh claidheamh a bhuineadh do fhear aig a bheil inbhe sònraichte ann an dualchas Sheanagal a thilleadh dhan dùthaich às dèidh iomadach bliadhna anns an Fhraing. B' e Omar Saidou Tall fìor ghaisgeach do mhuinntir na dùthcha air sgà th ’s na rinn e airson saorsa a ghlèidheadh dha Seanagal bho na Frangaich anns an 19mh linn. Chan eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh iomairt far an tèid stòras eachdraidheil a thilleadh gu dùthchannan thaobh siar Afraga às na taighean-tasgaidh Frangach. Cluinnidh sinn mu bheatha Omar Saidou Tall bho Calum Iain Bartlett.
Cuideachd, tha Maureen NicLeòid a' leantainn oirre le a cuairt sìos a’ Nile airson cuid de na cà nain a th’ air am bruidhinn air brà ighean na h-aibhne a chluinntinn. An-diugh tha i ag innse mu thri cà nain Sudan.
Agus thèid sinn dhan tasglann airson èisteachd ri còmhradh mu uchd-mhacachd. Bhruidhinn Coinneach ri Gladys Nic Iain ann an 2005 's i ag innse a sgeulachd-beatha, sgeulachd a chum i fo rùn airson grunn bhliadhnaichean.
coinneach@bbc.co.uk
Last on
Broadcasts
- Thu 21 Nov 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 21 Nov 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal