An t-Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Srà id nan Granndach 1/2
Seirbheis bho 1992 còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Srà id nan Granndach, Glaschu. Gaelic archive service with Rev D MacLeod, Grant Street Free Church (1992)
Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a’ BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 86: 9-10 air fonn Bangor agus ‘s e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 118: 17-18 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach.
Leughadh: 2 Corintianaich 5: 8-21
Ceann-teagaisg 2 Corintianaich 5: 17
Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh' Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thà inig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999. Tha e an-diugh a' fuireach ann an Eilean Arainn.
Last on
Broadcast
- Sun 17 Nov 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal