A bheil na pà ipearan air leum dhan linn didseatach?
A bheil pà ipearan naidheachd air feadh an t-saoghail a-nis anns an linn dhidseatach? Have newspapers across the globe finally leapt into the digital age? coinneach@bbc.co.uk
Tha deasaiche ùr aig a’ Financial Times, Roula Khalaf. As dèidh ceithir bliadhn’ deug aig an stiùir tha Lionel Barber a’ fà gail, bliadhnaichean nuair a tha na dùbhlain didseatach air a dhol am meud dha na pà ipearan naidheachd. Ach an-diugh, tha podcast, là rach-lìn, agus meadhanan sòisealta an cois gach pà ipear naidheachd. A bheil iad a-nise san linn dhidseatach? Tha Coinneach a’ cur na ceist air Murray MacLeòid agus Murchadh Aonghas MacLeòid.
Cluinnidh sinn bho Dhòmhnall Uilleam Stiùbhart mu na semaphores – agus na dòighean teachdaireachd innse tro bhrataich aig muir a chruthaich am Morair Seòras Moireach ann an 1795.
A thuilleadh air an sin, tha Maureen Nicleòid a’ toirt Coinneach air cuairt sìos a’ Nile airson cuid de na cà nain a th’ air am bruidhinn air brà ighean na h-aibhne a chluinntinn. An-diugh tha Maureen ag innse mu chà nain nan Dinka, nan Nuer agus nam Bari – trì de na treubhan as motha ann an Sudan a’ Deas.
Agus dè dìreach a th’ ann an Scientology? Beachd Dhòmhnaill MhicLeòid air a’ chùis. coinneach@bbc.co.uk
Last on
Broadcasts
- Thu 14 Nov 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 14 Nov 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal