A bheil sinn ann an cunnart cogadh niùclasach fhaicinn?
Cunnart cogadh niùclasach a rèir seann cheann-suidhe an USSR, Mikhail Gorbachev. Nuclear war is a serious threat according to former Russian president, Mikhail Gorbachev.
Tha an saoghal ann an cunnart bho chogadh niùclasach a rèir seann cheann-suidhe an USSR, Mikhail Gorbachev. Thuirt e gu bheil an droch shuidheachadh eadar An Ruis agus dùthchannan an Iar a' cur dragh mòr air agus gu bheil an t-à m ann a thighinn gu aonta mu dì-armachadh niùclasach gu tur. Cluinnear beachd bho Mhurchadh MacLeòid, Pà draig MacAmhlaigh agus Mìcheal MacAoidh air an rabhadh seo.
Cuideachd, bidh Derek MacAoidh ag innse mu dheidhinn an cogadh a th' air a bhith dol air taobh sear na Ucrà in. Tha còig bliadhnaichean ann bhon a thòisich feachdan na dùthcha agus feachdan reubaltach, le taic Ruiseanach, a' sabaid ach ' s e glè bheag a chluinneas sinn mu dheidhinn sna naidheachdan na là ithean sa. Dè tha tachairt agus a bheil sìth air fà ire?
Tha sinn gu math eòlach air eachdraidh A' Ghort Mhòr ann an Èirinn ach dè mu dheidhinn a' bhuaidh a bh' aige air sgìrean de dh'Alba? Tha aineolas ann mun earrann dhuilich seo de ar n-eachdraidh nà iseanta ach chaidh leabhar fhoillseachadh a tha ag innse mu na thachair nuair a rà inig gaiseadh a' bhuntata an dùthaich seo. Cluinnear iomradh bho Chaluim MhicNèill mun fhulangas a bha ann am Barraigh aig an à m.
Agus bidh Darren Linc ag innse eachdraidh-beatha labhraiche ùr Thaigh nan Cumantan.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 5 Nov 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 5 Nov 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal