Ruaraidh ‘Roidein’ MacDhòmhnaill à Uibhist a Deas
Sgeulachd a' phìobaire Ruaraidh ‘Roidein’ Dòmhnallach à Uibhist a Deas. Jo MacDonald profiles piper Ruaraidh ‘Roidein’ MacDonald from South Uist.
Rugadh Ruaraidh mac Dhòmhnaill ’ic Ruaraidh ’ic Raghnaill ann an Uibhist a Deas aig toiseach an fhicheadamh linn. Mus do chaochail e aig aois 80 bha à ite aig Ruaraidh ‘Roidein’ am measg nam pìobairean a b'fhèarr de ghinealach. Fhuair e teagasg an toiseach bho athair agus bhon fhear-teagaisg ainmeil, Iain Dòmhnallach à Inbhir Nis.
A bharrachd air an teagasg sin, thog Ruaraidh na ficheadan, ’s dòcha na ceudan, de na puirt a bhiodh pìobairean a’ cluich aig dannsaichean no airson an tlachd fhèin, nuair a bha e òg ann an Uibhist. Coltach ri mòran eile, an dèidh a’ Chogaidh Mhòir, b’fheudar dha Uibhist fhà gail gus cosnadh fhaighinn air tìr-mòr. Chaidh e air a’ phoileas an Glaschu fo stiùir Mà idsear na Pìoba Uilleam Grey a bha na cheannard air a’ chòmhlan aig an à m. Choisinn e Buinn Òir an Òbain agus Inbhir Nis agus thug e oideachadh seachad do phìobairean leithid Coinneach Dòmhnallach agus na triùir bhrà ithrean à Gleann Ùig, Ailean, Aonghas agus Iain Dòmhnallach.
Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri Iseabail, nighean Ruaraidh, còmhla ri feadhainn eile a bha eòlach air agus air a chuid chiùil.
Last on
More episodes
Clip
-
±Êì´Ç²ú²¹¾±°ù±ð²¹²Ô
Duration: 03:19
Broadcasts
- Tue 22 Oct 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 22 Oct 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Oct 2019 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Mar 2022 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Mar 2022 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Mar 2022 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal