An t-Urr Tommy MacFhionghuin, an Eaglais Shaor
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Tommy MacFhionghuin, an Eaglais Shaor. Gaelic religious service conducted by the Rev Tommy MacKinnon.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 63. 2-3 air fonn Stornoway agus ‘s e Tòmas Moireasdan a tha os cionn na seirbheis lel taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 68: 19-20 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.
Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Lùcas 15: 1-10
Ceann-teagaisg : Lùcas 15: 1-2
'S ann às an Aodann Bhà n, san Eilean Sgiathanach, a tha Mgr MacFhionghuin agus chaidh e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh gus an robh e còig deug. Às dèidh an sgoil fhà gail, fhuair e obair a' cà radh innealan.
Phòs Mgr MacFhionghuin a bhean, Julia, ann an 1975 agus bha triùir chloinne aca - dithis bhalach agus nighean, agus a-nise tha dithis òghaichean aige.
Às dèidh tubaist le car ann an 1984, cho-dhùin Mgr MacFhionghuin gun robh e dol a dhèanamh foghlam aig à rd-ìre agus thill e air ais dhan sgoil ann an 1989/90 far an d'fhuair e teisteanas ann an Gà idhlig, Beurla agus Nuadh-Eòlas. Dh'aontaich Eaglais na h-Alba a ghabhail airson trèanadh a bhith na mhinistear agus chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain.
Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear ann a sgìre Earra Ghà idheal airson dà bhliadhna agus an uairsin chaidh e a dh'Uibhist a Tuath far an robh e seachd bliadhna, agus às an sin gu Siorrachd Rois far an robh e na mhinistear ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh. Tha Mgr MacFhionghuin an-diugh a' searmonachadh ann an deifir choitheanalan aig an Eaglais Shaor agus Eaglais na h-Alba.
Tha ùidh mhòr aig Mgr MacFhionghuin ann an innealan, gu h-à raidh ann an motair-baidhsagalan ged nach bi e a' dèanamh na h-uidhir leotha a-nise.
Last on
An t-Urr Tommy MacFhionghuin
Broadcasts
- Sun 29 Sep 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal