Main content
Sorry, this episode is not currently available

Lachaidh MacIllÌosa air an taigh-ceilidh agus sgrìobhadh eachdraidh 2/ 4

An Sgiathanach, Lachaidh MacIllÌosa à Steinseall a' còmhradh ri Seumas Dòmhnallach. Lachie Gillies from Stenschol, Skye in conversation with James MacDonald about his life.

Tha Lachaidh MacIllÌosa às an Eilean Sgitheanach a' còmhnaidh fhathast san aon dachaigh san do rugadh e bho chionn còrr 's ceithear fichead bliadhna 's a còig. Chunnaic Lachaidh, mar a chunnaic a cho-aoisein, atharrachadh mòr air doigh-beatha na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar meadhan na ficheadamh linn agus an latha an-diugh. Ach 's e an rud mu Lachaidh gu bheil esan air mòran den eachdraidh sin agus a chuimhneachain pearsanta fhèin a ghlèidheadh gu mionaideach agus iad sgrìobhte sìos aige, facal air an fhacal agus latha an dèidh latha. Chaidh Seumas Dòmhnallach a chèilidh air Lachaidh agus sa phrògram sa 's ann air an taigh-chèilidh agus na bhiodh e a' cluinntinn ann a tha aire an toiseach. Cluinnidh sinn cuideachd dè a bhrosnaich e chun eachdraidh a sgrìobhadh agus am measg an eachdraidh sin cluinnidh sinn mu thubaist plèana air 5mh den Mhàrt 1945.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 26 Sep 2019 12:00
  • Thu 26 Sep 2019 22:00
  • Sun 29 Sep 2019 09:30