An Dr Seonaidh MacAsgaill à Beà rnaraigh
Sgeulachd a' phìobaire an Dr Seonaidh MacAsgaill à Beà rnaraigh le Jo NicDhòmhnaill. Jo MacDonald profiles the piper Dr John Napier MacAskill of Berneray.
Bha Seonaidh Napier MacAsgaill am measg nam pìobairean a b' fhèarr de a ghinealach. Choisinn e aon de phrìomh dhuaisean na pìobaireachd, am bonn òr, aig Cruinneachadh a’ Chinn a Tuath an Inbhir Nis ach, gu h-annasach, gu ìre mhòr leig e seachad farpaisean pìobaireachd às dèidh sin.
B’ e duine sònraichte a bh’ ann an Seonaidh. A bharrachd air a bhith na dhotair teaghlaich anns a’ Ghearasdan, bha e cuideachd na dhotair aig Cluba Ball-coise Inverness Caledonian Thistle agus aig sgioba nà iseanta na h-Alba - dreuchdan a thug gu iomadh dùthaich e.
Ach thug a phìobaireachd e gu iomadh diofar cheà rnaidh cuideachd. Bha fèill air Seonaidh mar neach-teagaisg ann an Ameireaga a Tuath agus tha pìobairean leithid John Don MacCoinnich às an Dòrnaidh agus Lesley Hutt à Inbhir Nis am measg nam pìobairean Albannach dhan tug e oideachadh.
A bharrachd air an teagasg a rinn e agus cho fìor mhath sa bha e air cluich, bha Seonaidh aithnichte airson na puirt ainmeil a chruthaich e mar Alena MacAskill, The Sands of Berneray, Twelve Torlum, Twisted Fingers agus Miss Christine MacQueen of Glenelg.
Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri luchd-eòlais Sheonaidh agus a' toirt thugainn clà raidhean dheth a' seinn na pìoba nach cuala duine taobh a-muigh a theaghlaich fhèin gu ruige seo.
Last on
Broadcasts
- Tue 17 Sep 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Sep 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2019 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Jan 2022 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Jan 2022 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jan 2022 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal