Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1052
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1052. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 18 Sep 2019
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 748
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1052
Duration: 05:00
Litir 1052: Cath Ghlinn Freòin (1)
An cuala sibh riamh mu Chath Ghlinn Freòin? Tha Gleann Freòin – Glen Fruin – siar air ceann a deas Loch Laomainn. Thachair an cath anns a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a trì (1603). Thug e buaidh mhòr air Clann Ghriogair. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.Â
Bha banntrach a bha seo a’ fuireach ann an Gleann Sratha faisg air Clachan an Dìseirt – no Dail Mhà ilidh mar a chanas mòran an-diugh. ʼS e ban-Ghriogarach a bh’ innte. Bha dithis mhac aice. Bha iad nan giullain òga ach bha iad tapaidh. Bha iad a’ ceannach bathar anns na bailtean Gallta agus ga reic air a’ Ghà idhealtachd.
Turas a bha seo, chaidh iad a Dhùn Bhreatann a cheannach bathar. Nuair a bha iad air an rathad dhachaigh thà inig cur is cathadh orra. Rà inig iad Lus. Bhiodh e do-dhèante leantainn orra dhachaigh oir bha an sneachd ro throm. Mar sin, roghnaich iad a dhol tarsainn Loch Laomainn airson a bhith am measg am muinntir fhèin – Griogaraich – a bha pailt air taobh sear an locha.Â
Ge-tà , bha coltas stoirmeil air an aimsir, agus cha robh aon duine deònach an toirt a-null. Dh’fhaighnich cuid ann an Lus dhiubh, ‘Cò an cinneadh dham buin sibh?’ Cha robh fios aig na gillean gun robh gamhlas aig muinntir Luis ris na Griogaraich. Agus dh’aidich iad gur e Griogaraich a bh’ annta. An uair sin, chan fhaigheadh iad biadh no à ite-fuirich. Lean iad orra gu baile beag eile tuath air Lus, ris an canar a’ Chaolag.Â
Bha aiseag an sin, ach dhiùlt luchd an aiseig na Griogaraich a thoirt tarsainn an locha. Agus, a-rithist, cha d’ fhuair na balaich à ite-fuirich no biadh. Bha iad ann an suidheachadh doirbh, le sneachd air an talamh. Mu dheireadh, ann an dorchadas na h-oidhche, rà inig iad taigh-ghobhar far an robh fiodh tioram. Thog iad teine. Agus bhris iad crann-treabhaidh airson cur air an teine.
Bha an t-acras cho mòr air an dithis, agus iad gun bhiadh, ʼs gun do mharbh iad molt dubh aig an robh earball geal. Ròist iad earrann dhen fheòil agus dh’ith iad i.
Leis gur e Griogaraich a bh’ annta, bha feadhainn air a bhith a’ cumail sùil orra. Chunnaic iad mar a bhris na gillean an crann-treabhaidh agus mar a mharbh iad am molt. Chaidh fios a chur air ais don cheann-cinnidh, Sir Umfra Mac a’ Chombaich. Thà inig grà isg goirid ron chamhanaich agus chuir iad na gillean fo ghlas.Â
Thà inig latha a’ chrochaidh agus bha sluagh aig Tom na Croiche deas air Lus. Nochd grà isg mhòr de Chlann ʼic Ghriogair cuideachd. Chaidh na gillean a chur air craobh-ghiuthais le ròpan timcheall an amhaichean. Chaidh rudeigin ceà rr, ge-tà . Thuit an dithis Ghriogarach don là r, agus iad fhathast beò.
Dh’èigh fear de na Griogaraich a bha a’ coimhead a’ ghnothaich gum bu chòir do na prìosanaich a bhith air an leigeil mu sgaoil. B’ e sin an cleachdadh aig an à m – nam biodh rudeigin a’ dol ceà rr gum faigheadh am prìosanach a shaorsa.
Ach chuir Sir Umfra Mac a’ Chombaich a dhaoine fhèin eadar na Griogaraich agus a’ chroich. Chuir iad na ròpan suas a-rithist, agus chaidh an dithis mharsantach a chrochadh.
Bha sin dona gu leòr, ach dh’fhàs cùisean na bu mhiosa buileach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gleann Freòin: Glen Fruin; banntrach: widow; cur is cathadh: snow and blizzard; Lus: Luss; crann-treabhaidh: plough.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: siar air ceann a deas Loch Laomainn: to the south of the southern end of Loch Lomond; thug e buaidh mhòr air Clann Ghriogair: it had a big effect on Clan Gregor; Gleann Sratha faisg air Clachan an Dìseirt: Glen Strae near Dalmally; bha iad nan giullain òga ach bha iad tapaidh: they were young lads but they were robust; a’ ceannach bathar anns na bailtean Gallta agus ga reic air a’ Ghà idhealtachd: buying goods in the Lowland towns and selling them in the Highlands; a Dhùn Bhreatann a cheannach bathar: to Dumbarton to buy goods; bhiodh e do-dhèante leantainn orra dhachaigh oir bha an sneachd ro throm: it would be impossible to continue homewards because the snow was too heavy; roghnaich iad a dhol tarsainn Loch Laomainn airson a bhith am measg am muinntir fhèin: they chose to cross Loch Lomond to be among their own people; pailt air taobh sear an locha: plentiful on the eastern side of the loch; dhiùlt luchd an aiseig na Griogaraich a thoirt tarsainn an locha: the ferry operators refused to take the MacGregors across the loch; rà inig iad taigh-ghobhar far an robh fiodh tioram: they reached a goat-house where there was dry wood; gun do mharbh iad molt dubh aig an robh earball geal: that they killed a black wether that had a white tail; ròist iad earrann dhen fheòil: they roasted a part of the meat; chaidh fios a chur air ais don cheann-cinnidh, Sir Umfra Mac a’ Chombaich: information was sent back to the clan chief, Sir Humphrey Colquhoun; thà inig grà isg goirid ron chamhanaich: a group of men came shortly before dawn; le ròpan timcheall an amhaichean: with ropes around their necks; nam biodh rudeigin a’ dol ceà rr gum faigheadh am prìosanach a shaorsa: if anything went wrong, that the prisoner would receive his freedom.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cò an cinneadh dham buin sibh?: which clan do you belong to? Cinneadh has several meanings – clan, kindred, tribe, race and even surname (rather than sloinneadh which is more properly a patronymic or matronymic). It is the best modern word to refer to the ‘clan’ you belong to. The word fine is also used but perhaps less commonly today – although it is still the default plural form to talk about ‘the clans’ (na fineachan).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun robh gamhlas aig muinntir Luis ris na Griogaraich: that the people of Luss bore animosity to the MacGregors.
Broadcasts
- Sun 15 Sep 2019 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Sep 2019 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.