An t-Urr Cailean T MacCoinnich bho 1987
Seirbheis à tasglann a’ BhBC còmhla ris an Urr Cailean T MacCoinnich bho 1987. Gaelic archive service conducted by Rev Colin T MacKenzie from 1987.
Anns an t-seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach anns a' Chèitean 1987 cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 132: 3-5 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.
Salm 85: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 31: 23-24 air fonn Bangor agus 's e Tormod MacGillÃŒosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal eaglais Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Leughadh: Mata 26: 36-46
Ceann-teagaisg: Mata 26: 41
Searmonaiche, bà rd agus sgrìobhadair, sin an t-urram a choisinn an t-Urr Cailean T MacCoinnich na bheatha.
Rugadh an t-Urr Cailean MacCoinnich ann an Glaschu agus chaidh a thogail air Eilean Tharasaigh a-mach bho chladaichean na Hearadh – dìreach aon de dh'eileanan beaga a tha ri cladaichean na Hearadh agus far an do rugadh iomadach miseanaraidh agus ministear thar nam bliadhnaichean.
Chaidh Mgr MacCoinnich gu Sgoil Cheann a' Ghiùthsaich far an deach e tro chùrsa na ministrealachd. Às an sin chaidh e gu Oilthigh Chill Rìmhinn far an tug e mach MA.
Chaidh a shuidheachadh mar mhinistear ann an Togha Mòr ann an Uibhist a Deas ann an 1947 aig à m nuair a bha dà sgìre aig Eaglais na h-Alba ann an ceann a deas Uibhist. Ghluais e à Togha Mòr ann an 1955 san Ògmhios agus chaidh a shuidheachadh mar mhinistear ann an Eaglais Erskine an Cill Fhinnein ann an Siorrachd Adhar. Chaidh an coitheanal sin a cheangal ri coitheanal Fergushill anns a' bhaile ann an 1958.
Ann an 1975 ghabh Mgr MacCoinnich ri gairm bho choitheanal Sgìre Mhoire faisg air Inbhir Nis agus ann an 1982 bha e air ais anns a' chlèir anns an do thòisich e nuair a roghnaich coitheanal Chà irinis ann an Uibhist a Tuath e mar theachdaire.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 1986 agus rinn e a dhachaigh ann am Beinn nam Fadhla.
A bharrachd air a bhith na mhinistear agus na theachdaire bha Mgr MacCoinnich na bhà rd comasach - chaidh a chrùnadh mar bhà rd aig Mòd Nà iseanta Bhaile Bhòid ann an 1952. Bha an obair-sgrìobhaidh aig Mgr MacCoinnich gu math tric ri chluinntinn air prògraman rèidio ann an dreach sgeulachdan goirid agus bha fèill mhòr air na leabhraichean a sgrìobh e, leithid Oirthìr Tìm, A’ leth Eile, Mar Sgeul a dh’Innseas agus Nach Neònach Sin.
Chaochail Mgr MacCoinnich anns a' Mhà rt 1994.
Last on
Broadcasts
- Sun 14 Sep 2014 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Feb 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Aug 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Nov 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal