Main content
Sorry, this episode is not currently available

A bheil sinn a’ cuir suim gu leòr ann an atharrachadh na gnàth-shìde?

A bheil sinn a’ cuir suim gu leòr ann an atharrachadh na gnàth-shìde? Are we addressing the issue of climate change? coinneach@bbc.co.uk

Gun teagamh sam bith tha gu leòr a' bruidhinn mu dheidhinn atharrachadh na gnàth-shìde ach dè ga-rìreabh a tha sinn a' dèanamh mu dheidhinn - nar beatha làitheil agus ag àrd ire? A bheil sinn ag aithneachadh dìreach cho èiginneach sa tha ar suidheachadh agus an obair a tha romhainn gus am faigh sinn smachd air rud a dh'fhaodadh ar dòigh beatha atharrachadh gu tur, neo fiùs ar cuir a-mach à bith?

Tha Seonag Monk ag innse sgeulachd beatha Archibald Monk, bràthair a seanair à Beinn nam Faoghla. As dèidh dha eilthireachd a dhèanamh gu Astràilia bha e an sàs anns an iomairt cogaidh aig Gallipoli, mar banaltram agus pìobaire. Thathas fhathast a' cuimhneachadh air an ANZAC Albannach gach bliadhna taobh thall an t-saoghail, far a bheil iad fhèin eòlach air mar 'The Piper of Lemnos'.

Agus tha Coinneach a' cumail air le chuairt timcheall Lunnainn is e a' cuir eòlas air sgìrean taobh a deas na h-Abhainn Thames. An-diugh tha e fhèin agus Eilidh Cooper Oliver ag ionnsachadh bho Mhìcheal Hill mu dheidhinn An Oval, a tha ainmeil airson criogaid, agus Pàirc Kennington, far an cluinnear Parakeets a' ceilearadh 's na craobhan. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 21 Aug 2019 09:00
  • Wed 21 Aug 2019 21:00