An t-Urr Calum M Mac a’ Ghobhainn, Eaglais Shaor Uibhist a Tuath
Seirbheis còmhla ris an Urr Calum M Mac a’ Ghobhainn bhon Eaglais Shaor an Uibhist a Tuath. Gaelic service conducted by Rev Calum Murdo Smith, Free Church Minister in North Uist.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 118: 17-19 air fonn Dundee agus ‘s e Dòmhnall MacThòmais a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 19: 9-10 air fonn Stornoway agus ‘s e Ailig MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille-Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Salm 18: 28-29 air fonn St David agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Colosianaich 1: 1-14
Ceann-teagaisg: Colosianaich 1: 12-14
Rugadh agus thogadh Calum Murdo ann an Siabost ann an Leòdhas far a bheil athair agus a mhà thair, Dòmhnall agus Mà iri a’ fuireach fhathast. Às dèidh an sgoil fhà gail rinn e cùrsa einnseanairidh ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Chaidh Calum Murdo gu muir agus bha e anns a’ Chabhlach Mharsanta airson ochd bliadhna a’ seòladh gu iomadach ceà rnaidh den t-saoghal. Tha ùidh mhòr aige fhathast anns a’ mhuir agus bidh e a’ dol a dh’iasgach uair sam bith a gheibh e an cothrom. Chur e seachad grunn bhliadhnaichean ag obair aig Urras Port Steòrnabhaigh mas deach e a-steach airson na ministrealachd. Chaidh Calum Murdo a Dhùn Èideann airson cùrsa diadhaidh a’ dhèanamh agus às dèidh ceumnachadh chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhùn Fris ann an 2011. Bha e ann am Dùn Fris airson còig bliadhna nuair a fhuair e gairm gu coitheanal Eaglais Shaor Uibhist a Tuath, Ghriomasaigh agus Bheà rnaraigh ann an 2016.
Tha Calum Murdo pòsta aig Johan Ghreumach à Barabhas agus tha triùir chloinne aca Joni, Marissa agus Danny.
Last on
An t-Urr Calum M Mac a’ Ghobhainn
Broadcasts
- Sun 16 Jun 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Jun 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal