An t-Urr Dòmhnall Iain Moireasdan, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba. Service conducted by Rev Donald J Morrison, assistant minister Church of Scotland, Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na salm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 57: 1-2 air fonn Martyrdom agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh a chaidh a chlà radh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac
Salm 61: 1-3 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Salm 34: 5-6 air fonn Torwood agus ‘s e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Leughaidhean:
Salm 51: 1-2, 10-11, 15-17.
Lùcas 18: 9-14
Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' chuid mhòr dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e air dreuchd na ministrealachd a-nis a leigeil dheth gu h-oifigeach, bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an à ite sam bith far a bheilear a' cur feum air.
Last on
An t-Urr Dòmhnall Iain Moireasdan
Broadcasts
- Sun 2 Jun 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jun 2019 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal