Ceòl spioradail à Dùn Èideann mar chuimhne air Iain MacLeòid
Còisirean, seinneadairean is luchd-ciùil le taghadh sònraichte de cheòl spioradail. A celebration of Gaelic spiritual music led by the Massed Gaelic Choirs of Scotland.
Ann am baile Dhùn Èideann air 4mh den Chèitean 2019 bha daoine a’ cruinneachadh anns an Lyceum ‘s an oidhche mu dheireadh den dealbh-chluich stèidhichte air am film ainmeil Local Hero a’ gabhail à ite. An ath dhoras, ann an Talla Usher, bha Gaidheil a’ bhaile a’ coinneachadh airson cuimhneachadh air an Gaisgeach Ionadail aca fhèin, Iain MacLeòid à Cà rlabhagh, a bhà saich gu h-obann an-uiridh.
B’ e comataidh Comunn nan Còisirean a cho-dhùin a’ chuirm spioradail ³Ò±ôò¾±°ù a chur air chois mar chuimhneachain air Iain, ‘s e air uimhir de dh’obair a dhèanamh airson na Gà idhlig a bhrosnachadh tro cheòl, foghlam agus creideamh ann an Dùn Èideann agus nas fharsaing. Mothachail dhan chreideamh là idir a bh’ aig Iain, cho-dhùin iad gur e cuirm spioradail a chuireadh iad air chois.
Chruinnich buill à iomadh còisir air an à rd-ùrlar, nam measg na còisirean anns an robh Iain fhèin a’ seinn, Còisir Lodainn agus Còisir Chà rlabhaigh. Bha clann Iain gu mòr an luib a’ chuirm, le Mà iri a’ seinn agus na stiùiriche air Còisir Chà rlabhaigh ‘s Calum a’ cluich innealan-ciùil agus os cionn na seinn le Salm 65.
Bha seinn nan còisir agus ceòl na clà rsaich am pailteas ri chluinntinn aig a’ chuirm agus bha bun- agus à rd-sgoiltean Ghà idhlig a’ bhaile air an riochdachadh le còisirean is comhlain-ciùil. Fhuair an luchd-èisteachd cuideachd cothrom an còisir as ùire ann an saoghal na Gà idhlig a chluinntinn, an còmhlan Soisgeul, agus abair gun do chòrd iad ris na bha an là thair.
Last on
Broadcasts
- Sun 26 May 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Christmas Day 2019 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2019 21:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Apr 2021 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal