Obair Dhòmhnall Meek sna h-oilthighean 's aig DASG
Dòmhnall Meek a' beachdachadh air an iomadh gaoth a shèid ann an seòl a bheatha. Prof Donald Meek examines the twists and turns his life has taken, personally and academically.
Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bà rd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek. Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phà irt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gà idhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. A thuilleadh air a sin tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bà rdachd agus bà taichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gà idhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gà idhlig ( MAGOG ).
San t-sreath seo 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid. Sa phrògram sa tha Dòmhnall air ais an Glaschu a' cuimhneachdh air an obair a rinn e air Faclair na Gà idhlig agus e a' seasamh aig sgioba DASG, Digital Archive of Scottish Gaelic, a tha an-diugh mar thobair airson Faclair ùr na Gà idhllg. Tha e cuideachd a' beachdachadh air obair a bh' aige sna h-oilthighean san fharsaingeachd.
Last on
Clip
-
Seòl Dhòmhnaill 7
Duration: 03:23
Broadcasts
- Thu 9 May 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 9 May 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 May 2019 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal