Didòmhnaich na Càisg còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain
Seirbheis Didòmhnaich na Càisg còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba, Cill Tighearn. Easter Sunday service with Rev Donnie MacSween, Kiltearn Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus laoidhean a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn London New le Eòin Dòmhnallach os cionn na seinn agus taic bho choithional Eaglais Shaor Phort Rìgh
Salm 16: 10-11 air fonn Steòrnabhagh le Murchadh MacLeòid os cionn na seinn agus taic bho choithional Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Saorsa Troimhn’ Fhuil air a sheinn le Alasdair MacLeòid agus Donaidh M MacLeòid le taic bho Mhàiri Anna NicUalraig a’ seinn “Cia Domhain Gràdh an Athair Dhuinn”
Leughadh: Isaiah 53: 1-12
Ceann teagaisg: Isaiah 53: 5
Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad 2 bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 a thòisich e ag obair làn ùine aig Littlewoods agus chuir e seachad 8 bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson 6 bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin. Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-àraidh ceòl soisgeulach, Gàidhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CDan agus DVDan a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet, inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gàidhealach. Tha a' Ghàidhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cànan agus an ceòl a bhrosnachadh.
Last on
An t-Urr Donaidh MacSuain
Broadcasts
- Sun 21 Apr 2019 09:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Apr 2019 15:00鶹 Radio nan Gàidheal