Sgoiltean 's eaglaisean Ruaig agus Chòrnaig an Tiriodh
Dòmhnall Meek a' beachdachadh air an iomadh gaoth a shèid ann an seòl a bheatha.
Prof Donald Meek examines the twists and turns his life has taken, personally and academically.
Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bà rd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek. Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phà irt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gà idhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. A thuilleadh air a sin tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bà rdachd agus bà taichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gà idhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gà idhlig ( MAGOG ).
San t-sreath seo 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid. Sa program sa tha iad ann an Tiriodh a' tadhal air toglaichean a bha gu math bunaiteach do bheatha Dhòmhnaill - sgoiltean agus eaglaisean. Tha aon sgoil ris nach urrainn dha fiù 's coimhead nuair a tha e a' dol seachad leis a' ghrà in a bh' aige oirre agus tèile a tha a' toirt togail dha chridhe. A thaobh nan eaglaisean 's e cianalas a tha iad a' dùsgadh le mar a bha athair a' searmonachadh unnta agus aon na tobhta agus an tèile an-diugh na taigh-còmhnaidh.
Last on
Broadcasts
- Thu 18 Apr 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 18 Apr 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Apr 2019 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal