Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 5

Episode 5 of 8

Tha RA a’ rannsachadh Geamaireachd bhideo - dè th’ ann an cus? RA explores video gaming - how much is too much?

Tha Ruairidh Alastair air ais le tuilleadh cheistean mu chùisean a tha a’ toirt buaidh air beatha dhaoine òga, agus tha e a’ sireadh fhreagairtean le bhith a’ còmhradh ri eòlaichean, ag èisteachd ri buill ar pannail agus a’ rannsachadh tron fhòn-làimhe aige is a thoinisg fhèin.

Anns a’ phàirt seo tha e a’ rannsachadh dè a th’ ann an tuilleadh ‘s a’ chòir a thaobh a bhith a’ cluich heamannan bhidio. ‘S e famhaire cruinneil a th’ ann an gnìomhachas a’ chearrachais - dè a’ bheachd a th’ aig cuid de cheannardan gnìomhachais ann an Alba mu ghluasadan ann an cearrachas?

Dè a tha Gàidheil òga a’ smaoineachadh? Le eadar-lìon àrd luaths a’ dèanamh cearrachas na aon de na cur-seachadan as motha san t-saoghal - co ris a dh’fhaodas sùil a bhith againn san àm ri teachd?

Ruairidh Alastair is back with more questions about issues that affect the lives of young people, seeking answers by talking to experts, listening to panellists and researching with his mobile phone and his wits.

In this episode he investigates how much is too much when it comes to playing online video games. The gaming industry is a global giant – what do some of the industry leaders in Scotland think about trends in gaming?

What do young Gaels think? With high-speed internet making gaming into one of the world's largest recreational sectors, what can we expect in the future?

16 minutes

Broadcasts