Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1029
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1029.
Last on
Wed 10 Apr 2019
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 725
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1029
Duration: 05:00
Litir 1029: A' Chuthag ann an Hiort
Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun chuthaig. Bidh an t-eun sin a’ tighinn a dh’Alba gach bliadhna. Anns an t-seann aimsir, ʼs ann ainneamh a bhiodh i a’ nochdadh ann an Hiort, ge-tà . Nise, chan urrainn dhomh a rà dh am bi i a’ dol a Hiort gu tric anns an latha a th’ ann. Ach tha cunntas aig Mà rtainn MacIlleMhà rtainn dhen chuthaig ann an Hiort o chionn còrr is trì cheud bliadhna.
‘ʼS ann ainneamh a bhios a’ chuthag ri a faicinn an seo,’ sgrìobh MacIlleMhà rtainn ann an A Late Voyage to St Kilda, ‘agus sin ann an co-cheangal ri tachartasan à raidh, mar eisimpleir bàs an uachdarain, MacLeòid [Dhùn Bheagain], no nuair a nochdas coigreach a tha cliùmhor.’ Dh’aidich MacIlleMhà rtainn gun do rinn e gà ire nuair a chuala e sin. Thuirt e ri muinntir an à ite nach robh e stèidhichte air reusan.
Saoilidh mi gun do ghabh na Hiortaich a bheachd air an t-sròin. Thuirt iad gun robh fios aig an sinnsirean air an dearbh rud, agus dh’iarr iad beachd a’ bhà illidh air co-dhiù bha an fhìrinn aca. Dhearbh am bà illidh gun robh iad ceart. Ri a linn fhèin agus ri linn athar, bha e fìor. Bha grunnan de mhuinntir an eilein air a’ chuthag fhaicinn an dèidh bàs na dithis uachdaran mu dheireadh, agus bàs na dithis bhà illidhean mu dheireadh, agus goirid mus do nochd coigrich ann an Hiort.
Tha fhios gu bheil ceist agaibh. An do nochd a’ chuthag ann an Hiort goirid mus do nochd MacIlleMhà rtainn fhèin ann? Uill, nochd, a rèir muinntir an à ite. Bha na Hiortaich deimhinne gur e an Sgitheanach fhèin a bu choireach ris, oir bha am ministear a bha cuide ris air a bhith ann an Hiort roimhe. Mar sin, chan e coigreach a bh’ ann.Ìý
Tha beul-aithris anns an Eilean Sgitheanach a tha a’ cur ris an sgeul seo. Bhathar ag rà dh, anns an t-seann aimsir, nuair a bha sluagh dùthchasach a’ fuireach ann an Hiort, gun tachradh rudeigin annasach nuair a gheibheadh ceann-cinnidh nan Leòdach bà s. Nan tachradh e as t-samhradh, nuair a bhiodh cuthagan gu leòr beò anns na coilltean timcheall Caisteal Dhùn Bheagain, cha bhite a’ cluinntinn na cuthaig tuilleadh. Bhiodh na h-eòin gu lèir a’ trèigsinn Dhùn Bheagain agus a’ falbh a Hiort.
Bha iad nan teachdairean. Chaidh iad a Hiort airson innse do mhuinntir an à ite gun robh an uachdaran marbh. Agus thathar ag rà dh, bliadhna a bha seo o chionn fhada, gun deach bà ta à Dùn Bheagain gu ruige Hiort airson innse do na daoine gun robh an ceann-cinnidh marbh. Ach bha na Hiortaich a’ caoidh a bhà is mu-thrà th. Bha fios aca mu dheidhinn. Bha na cuthagan air innse dhaibh!
Co-dhiù no co-dheth, tha an cunntas aig MacIlleMhà rtainn de Hiort gu math inntinneach. Tha naidheachd bheag aige de long a chuir eathar a-mach air latha ciùin gu Sòthaigh. Bha iad a’ faighinn uisge. Chunnaic na seòladairean uighean air leacan neadachaidh anns an eilean. Shreap fear dhiubh suas. Thug e a bhriogais dheth. Rinn e nà dar de phoca dhith agus lìon e le uighean i.
Bha Hiortaich ann an Sòthaigh an latha sin. Chunnaic iad a’ ‘mhèirle’ a’ tachairt. Chaidh iad os cionn an duine agus leig iad clachan sìos air. B’ fheudar dha teicheadh, a’ fà gail a bhriogais, là n uighean, anns an eilean!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cunntas: account; Mà rtainn MacIlleMhà rtainn: Martin Martin; a’ trèigsinn: abandoning; teachdairean: messengers; naidheachd: anecdote; shreap: climbed; mèirle: theft.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: anns an t-seann aimsir, ʼs ann ainneamh a bhiodh i a’ nochdadh ann an Hiort: in olden times, it’s rarely that she would appear in St Kilda; a bhios a’ chuthag ri a faicinn an seo: that the cuckoo is seen here; tachartasan à raidh, mar eisimpleir bà s an uachdarain: extraordinary occasions, such as the death of the proprietor; nuair a nochdas coigreach a tha cliùmhor: on the arrival of some notable stranger; gun do rinn e gà ire: that he laughed; nach robh e stèidhichte air reusan: that it was not founded on reason; dhearbh am bà illidh gun robh iad ceart: the steward confirmed that they were correct; an dèidh bà s na dithis uachdaran mu dheireadh: after the death of the two last landlords; goirid mus do nochd coigrich: shortly before a stranger appeared; bha na Hiortaich deimhinne gur e an Sgitheanach fhèin a bu choireach ris: the St Kildans were sure that it was the Skyeman himself [Martin] that was responsible; gun tachradh rudeigin annasach nuair a gheibheadh ceann-cinnidh nan Leòdach bà s: that something strange would happen when the clan chief of the MacLeods died; anns na coilltean timcheall Caisteal Dhùn Bheagain: in the woods around Dunvegan Castle, cha bhite a’ cluinntinn na cuthaig tuilleadh: the cuckoo would no longer be heard; gun robh an uachdaran marbh: that their landlord was dead; bha na Hiortaich a’ caoidh a bhà is mu-thrà th: the St Kildans were lamenting his death already; long a chuir eathar a-mach air latha ciùin gu Sòthaigh: a ship that put a boat out on a calm day to Soay; uighean air leacan neadachaidh: eggs on a nesting ledge; rinn e nà dar de phoca dhith agus lìon e le uighean i: he made a sort of bag of it [the trousers] and he filled it with eggs.Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ri a linn fhèin agus ri linn athar, bha e fìor: in his own day and in his father’s day, it was true. Ri linn is a useful phrase and usually the two words are adjacent eg ri linn nan Ròmanach ‘in the time of the Romans’; ri linn Napoleon ‘in Napoleon’s day’. However when it commands a pronoun rather than a noun, the possessive form is used and the pronoun separates ‘r¾±â€™ from ‘l¾±²Ô²Ô’ eg ri mo linn fhèin ‘in my day’; ri a linn-sa ‘in her day’ [emphatic].
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ghabh na Hiortaich a bheachd air an t-sròin: the St. Kildans took his opinion badly [on the nose].
Broadcasts
- Sun 7 Apr 2019 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Apr 2019 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.